Alba ag amas air buaidh am Baile Átha Cliath
- Air fhoillseachadh

Thèid cluicheadairean iomain na h-Alba a Bhaile Átha Cliath Disathairne is iad ag amas air a' chùis a dhèanamh air sgioba na h-Èireann 'son an darna turais ann am mìos.
Bha là air leth aig sgioba Raghnaill Rois aig Pàirc a' Bhucht san Damhair is iad a' soirbheachadh 3-15 (24) gu 2-8 (14).
B' e sin an dàrna bliadhna ann an sreath a rinn Alba a' chùis air Èirinn aig an taigh, ach 's e sgeul eadar-dhealaichte a th' ann a thaobh nan geamaichean air talamh na h-Èireann.
Feumar a dhol air ais gu 2010 nuair a rinn Alba a' chuis ann an Èirinn mu dheireadh, le balaich na h-iomain a' soirbheachadh 2-16 (22) gu 2-15 (21) am Páirc an Chrócaigh.
Bhon uair sin, tha iad air ceithir geamaichean a chall an Èirinn, cuid dhuibh gu trom.
Chan e sreath a th' ann am-bliadhna, mar sin chan eil Alba a' cur dìon air na choisinn iad an Inbhir Nis, ach abair gun còrdadh e riutha beagan eachdraidh a dhèanamh le buaidh an Èirinn.
Mìos nam Pòg
Bidh co-dhiù aon atharrachadh ann an sgioba na h-Alba is am fear-glèidhidh, Stiùbhart Dòmhnallach, air falbh is e dìreach air pòsadh.
'S e call a tha sin oir mar a sheall an Dòmhnallach ann an cuairt dheireannaich Chupa na Camanachd, chan eil fear-glèidhidh nas fheàrr san spòrs an-dràsta, ach na àite am Baile Átha Cliath thig fear eile a tha air leth comasach, Stiùbhart Mac an Tòisich à Gleann Urachdain.
A bharrachd air sin, bidh Alba ag amas an ìre mhath air cumail ris na dh'obraicheadh dhaibh aig Pàirc a' Bhucht: am ball a chumail sìos, na cliathaich a chleachdadh agus na cothroman a ghabhail nuir a thig iad.
Dha na h-Èireannaich, 's e cothrom a tha seo air dìoghaltas às dèidh dhaibh call an Inbhir Nis.
Bha e dona gu leòr dhaibh a' bhuille sin fhulang aig Pàirc a' Bhucht, ach cha bhi iad idir airson is gun tachair an aon rud mu choinneimh an t-sluaigh aca fhèin am Baile Átha Cliath.
Mìltean mòra
Tha dùil ri sluagh mòr aig Páirc an Chrócaigh is an geama a' dol air adhart air thoiseach air a' gheama eadar-nàiseanta Peil/Aussie Rules eadar Èirinn is Astràilia, geama a tha buailteach na mìltean mòra a thàladh.
Tha fhios gur e sin as coireach gu bheil na h-Èireannaich air an sgioba aca a neartachadh 'son an dàrna geama.
Tha àite ann do Shàr-Chluicheadair Iománaíochta 2015, TJ Reid, a chuidich Cill Chainnigh gu ruige Farpais na h-Èireann a bhuannachadh am-bliadhna.
A bharrachd air Reid, thathas a' tuigsinn a-nise gum bi Patrick 'Bonnar' Maher à Tiobraid Árainn a-nise sa bhuidhinn cuideachd, fear a chluich ann an Inbhir Nis agus a rinn sgrios mòr air sgioba na h-Alba roimhe seo.
Dùbhlan mòr do dh'Alba, ma-tha, ach dùbhlan nach cuir eagal orra às dèidh cho math 's a chluich iad an Inbhir Nis.
Tòisichidh an geama am Páirc an Chrócaigh aig 4:35f is bidh cothrom ann a choimhead air BBC ALBA.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2012
- Air fhoillseachadh19 An Dàmhair 2014
- Air fhoillseachadh25 An Dàmhair 2015
- Air fhoillseachadh12 An t-Samhain 2015