PNE a' dol à bith
- Air fhoillseachadh

Thèid a' bhuidheann ealain Gàidhlig, Pròiseact nan Ealan (PNE) à bith ro dheireadh na bliadhna.
A' bruidhinn aig cuirm far an d' fhuair a' bhuidheann duais oidhche Chiadain, thuirt àrd-oifigear na buidhne, Erica Mhoireasdan, gu bheil dìth airgid a' ciallachadh nach urrainn dhaibh cumail a' dol, agus gun tèid còig cosnaidhean a chall.
Tha Pròiseact nan Ealan am measg grunn bhuidhnean a chaill maoineachadh bho Alba Chruthachail bho chionn ghoirid.
Thàinig naideachd bho chionn ceithir bliadhna gun robh Alba Chruthachail ag atharrachadh na dòigh san deadh PNE agus buidhnean eile a mhaoineachadh.
Gheàrr sin mu 50% den taic-airgid a bha iad a' faighinn bho chionn trì bliadhna, agus bha aca ri farpais airson airgid eile.
Cha deach aca air gu leòr a bhuannachd airson an cumail a' dol.
Bho chionn dà bhliadhna chaidh stiùiriche an ionmhais a chur às a dhreuchd, agus bhuannaich a' bhuidheann tribunal cosnaidh.
Tha a' bhuidheann air grunn duaisean fhaighinn airson obair ealain, nam measg Leabhar Mòr na Gàidhlig, Opara Hiort, Gairm nan Gàidheal mun Chiad Chogadh, agus Sequamur - dealbh-chluich mu bhalaich à Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh a chaidh a chall sa Chiad Chogadh.
Fhuair a' bhuidheann duais eile oidhche Chiadain, aig a' cheart àm 's a dh'fhoillsich àrd-oifigear na buidhne gun deadh a' bhuidheann à bith air an ath-mhìos.
Thuirt Erica Mhoireasdan nach robh airgead gu leòr aca airson cumail a' dol.
Tha seo a dh'aindeoin oidhirpean bho BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, tuilleadh airgid fhaighinn bho Alba Chruthachail air an son.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 19 An t-Samhain 2015