Taic do phlana Gàidhlig Obar Dheathain

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Chuir 34 buill taic ri seasamh na Comhairle, le 29 na aghaidh.

Bhòt Comhairle Shiorrachd Obar Dheathain Diardaoin taic a thoirt do phlana Gàidhlig an ùghdarrais.

Ann an deasbad sradagach, chuir 34 buill taic ri seasamh na Comhairle £15,000 a chur ris a' phlana - is 29 buill na aghaidh.

Tha na h-uimhir de Ghàidhlig ga bruidhinn anns an sgìre an-diugh, ach chaochail an tè-labhairt dhùthchasach mu dheireadh de dhual-chainnt Shiorrachd Obar Dheathain ann an 1984.

An-uiridh dh'ullaich a' Chomhairle plana Gàidhlig, 's chaidh sin a chur gu Bòrd na Gàidhlig airson sgrùdadh.

Thill am Bòrd thuca le grunnan mholaidhean.

San t-Sultain, cho-dhùin Comataidh Poileasaidh 's Ghoireasan na Comhairle gabhail ri cuid de na chuir Bòrd na Gàidhlig romhpa, le bhòt gu math teann, ged a dhiùlt iad soidhnichean dà-chànanach agus oifigear Gàidhlig.

Thuirt cuid air a' Chomataidh gun cosgadh na molaidhean £300,000 - £200,000 air soidhnichean dà-chànanach air a h-uile togalach a tha leis an ùghdarras agus air rathaidean na sgìre, agus £20,000 gach bliadhna airson còig bliadhna airson oifigear Gàidhlig a phàigheadh.

Ach bha mòran air a' chomataidh a bha ag ràdh nach bu chòir dhan Chomhairle gabhail ri dad idir den dleastanas a tha Bòrd na Gàidhlig a' cur orra, agus mar sin ghluais a' chuis gu làn-choinneimh na Comhairle.