Co-dhùnadh a dhìth air Aiseag Shlèite

  • Air fhoillseachadh
MV Coir' Uisg'

Tha co-dhùnadh a dhìth bhon Riaghaltas an-dràsta air aiseag na Linne Slèitich eadar Malaig agus Armadail airson dèanamh cinnteach gum bi seirbheis fhreagarrach ann as t-Samhradh, a rèir Fòraim Còmhdail Shlèite.

Thuirt iad gu bheil e a' dèanamh dragh do dhaoine san Eilean Sgitheanach agus ann an Loch Abair gu bheil planaichean ann bàta nas lugha agus nas slaodaiche a chur air an t-slighe as t-Samhradh seo tighinn.

Thuirt Cal Mac gum bi seòlaidhean a bharrachd ann leis a' bhàta sin, agus cuideachd gum bi an MV Lord of the Isles a' tighinn air an t-slighe bho àm gu àm.

"Tha sinn ag iarraidh air an Riaghaltas co-dhùnadh a dhèanamh gum bi seirbheis choileanta againn as t-Samhradh seo tighinn eadar Malaig is Armadal," thuirt cathraiche na buidhne, Ruairidh Moireach.

Dàrna Leth

"'S e seirbheis air leth feumail a tha seo dha na daoine air gach taobh den chaolas a tha sin, agus ma thèid lùghdachadh a dhèanamh oirre bidh sinn ann am fìor dhuilgheadas an seo.

"'S e am bàta beag a bhios ann a' chiad char sa mhadainn, agus 's e sin nuair a tha daoine feumach air faighinn a-null - gu h-àraid luchd nam busaichean.

"Cha toir am bàta beag sin leatha ach aon bhus.

"Agus an Lord of the Isles, cha ruig i Armadal gu 11:00m. Bidh sin fada ro anmoch dha na daoine a tha ag iarraidh a thighinn a-nall dhan Eilean Sgitheanach - luchd-gnothaich, luchd-turais agus luchd-foghlaim.

"Chan eil rùm gu leòr air an tè a th' ann mar thà.

"Tha an Coir' Uisg' i fhèin ro bheag airson na trafaig a th' air a bhith a-null 's a-nall an seo bho chionn dà bhliadhna.

"Cha toir an tè ùr leatha ach 22 chàr. Bheir an Coir' Uisg' leatha 40.

"Mar sin dheth, tha sinn a' call faisg air dàrna leth an àite a th' againn do chàraichean.

Geamhradh

"Tha sinn ag iarraidh orra an Coir' Uisg' fhàgail far a bheil i. Agus an uair sin gum bi an Lord of the Isles a' tighinn a-steach nas fhaide den là, agus gun toir iadsan faochadh dhan chùis," thuirt e.

Tha am Fòram cuideachd ag iarraidh piseach air an t-seirbheis a tha an t-slighe a' faighinn sa Gheamhradh.

"Anns a' Gheamhradh chan eil againn ach seirbheis gu math truagh," thuirt Mgr Moireach.

"Chan eil againn ach aon sheirbheis anns a' mhadainn, agus seirbheis eile feasgar nuair a thilleas am bàta às na h-Eileanan Beaga.

"Tha sinne a' meas, agus tha sinn làn-chinnteach, gu bheil an t-uabhas dhaoine ann a chleachdadh an aiseag sin nam biodh e ann.

"Feumaidh iad an-dràsta a dhol timcheall taobh Chluainidh agus Inbhir Garadh ann an droch shìde a' Gheamhraidh.

"Tha sinne a' smaoineachadh, nam biodh an aiseag a' ruith dhà no trì thurais san là a-null 's a-nall, gun dèanadh sin feum mhòr dhan fheadhainn a tha ga chleachdadh," thuirt e.