Bàt-aigeann ga lorg

  • Air fhoillseachadh
Bàt-aigeann Ruiseanach

Thuirt Ministrealachd an Dìon gu bheil pleana RAF air a bhith an sàs ann an obair far cheann a tuath na h-Alba is aithrisean ann gun deach bàt-aigeann Ruiseannach fhaicinn san sgìre.

Tha dùil gu bheil soitheach agus bàt-aigeann bhon Chabhlachd Rìoghail an sàs sa ghnothach cuideachd, còmhla ri plèanaichean às an Fhraing agus Canada.

A rèir aithris a nochd san Telegraph, tha am plèana Fraingeach air a bhith air tòir a' bhàt-aigeann fad deich là.

Chan eil plèanaichean sònraichte 'son bàtaichean-aigeann a lorg aig Breatainn an-dràsta, ged a thàinig naidheachd Diluain ann an ath-sgrùdadh an Riaghaltais air dìon agus na seirbheisean tèarainteachd gun tèid feadhainn ùra a dhèanamh.

'S ann aig RAF Inbhir Losaidh ann am Moireibh a bhios na h-itealain-sgrùdaidh mara ùra stèidhichte.