"Cha sguir sinne gum faigh sinn cuideigin"

An Tairbeart Image copyright James Allan / Geograph

Coinnichidh feadhainn a tha ag iomairt mun t-seirbheis slàinte sna Hearadh oidhche Luain is iad ag ràdh nach sguir iad gus am faigh iad fuasgladh a tha freagarrach dhaibh.

Fhuair a' choimhearsnachd briseadh-dùil na bu tràithe am-bliadhna nuair a dh'innis Bòrd Slàinte nan Eilean Siar nach bi dotair neo nurs stèidhichte san sgìre taobh a-muigh uairean obrach àbhaisteach.

Thuirt an Dtr. Aonghas MacEalair bhon Bhòrd Shlàinte aig an àm gu bheil an t-seirbheis a tha muinntir na sgìre a' faighinn "aig fìor àrd-ìre", ach tha e coltach nach eil sin air muinntir an àite a shàsachadh.

Thuirt Iain MacLeòid bho Bhuidhinn Dealbhachaidh Ionadail na Hearadh gu bheil iad ag aithneachadh nach eil am Bòrd Slàinte ach a' leantainn nan riaghailtean a th' ann aig ìre nàiseanta.

Iomallach

Thuirt e, ge-tà, nach eil sin math gu leòr do sgìrean iomallach mar na Hearadh.

"Tha astar an seo is nithean a dh'fhaodadh tachairt, gu h-àraid anns a' Gheamhradh, an Cliseam an sin is sneachda is droch reothadh is droch shìde", thuirt Mgr MacLeòid.

"Thachair sin an-uiridh nuair a bha aig boireannach ri dhol a-null an sin agus eagal a beatha oirre. Thuirt am Bòrd Slàinte gun cuireadh iad rudan an sàs, a dhèanamh cobhair dha na daoine sin, ach cha do thachair sin bhon uair sin.

"Chan eil sinn riaraichte leis na rudan a tha am Bòrd Slàinte ag ràdh rinn agus chan eil sinn air ar dòigh idir.

"Cha sguir"

"Cha sguir sinne gum faigh sinn cuideigin meidigeach air choireigin a bhios stèidhichte againn as urrainn a dhol thuige an toiseach".

Ann an cuid de sgìrean chaidh trèanadh a thoirt do luchd-obrach nan carbadan eiridinn gus am b' urrainn dhaibhsan cuideachadh a thoirt do dhaoine taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach nuair nach robh dotair ann.

Thuirt Mgr MacLeòid gum biodh e riaraichte nan rachadh sin a chur an sàs sna Hearadh.

Bidh a' choinneamh aig Buidhinn Dealbhachaidh Ionadail na Hearadh ann an Talla Coimhearsnachd an Tairbeirt aig 7:00f oidhche Luain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile