Carragh-cuimhne do dh'Ailean MacRath

Ailbhinn Image copyright Ken Bagnall / Geograph

Chaidh carragh-cuimhne fhoillseachadh feasgar Diluain dhan fhear a bha os cionn na h-iomairt airson a' chiad oighreachd ann an Alba a cheannaich a' choimhearsnachd.

Rugadh agus thogadh Ailean MacRath ann na Asainnte, ged a chuir e seachad mòran de bhliadhnaichean ag obair air falbh.

Ann an 1989 reic an teaghlach Vestey Oighreachd Taobh Tuath Loch an Inbhir ri companaidh san t-Suain.

Chaidh a' chompanaidh fodha, ge-tà, is chaidh an oighreachd air a' mhargaidh ann an seachd diofar earrannan, rud a bhiodh air buaidh mhòr a thoirt air croitearan na sgìre.

Chaidh iad an sàs le Ailean MacRath os an cionn.

Sealbh

Ann an 1993 ghabh Urras Chroitearean Asainnte sealbh air an sgìre is chuir iad an t-ainm Oighreachd Asainnte a Tuath air an àite.

B' e a' chiad uair a-riamh a cheannaich coimhearsnachd ann an Alba am fearann aca fhein, ged a tha iomadh àite eile air an ceum a ghabhail bhon uair sin.

Ann an 2013 ge-tà, chaidh corp Ailein MhicRath a lorg air a' mhonadh faisg air a dhachaigh.

Thuirt Urras Chroitearan Assainnte gur e duine air leth a bh' ann agus gu bheil e cudromach gu bheil fios aig daoine air na rinn e airson na sgìre.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile