Muinntir nan Eilean Siar "gun spionnadh"

Lochlannaich Image copyright PA
Image caption Tha cuid an Arcaibh den bheachd gu bheil an dualchas Lochlannach aca air dìleab fhàgail aca nach d' fhuair muinntir nan Eilean Siar.

Chaidh fhàgail air muinntir nan Eilean Siar gu bheil iad "gun spionnadh" is an eisimeil taic stàite an taca ri muinntir Arcaibh.

Nochd na casaidean iongantach ann an rannsachadh a rinn fear Mìcheal Lange aig Colaiste Champlain ann am Burlington, Vermont.

'S e "Vikings in the Nor' Wast, The Roots of Orkney's Identity in Norway and Canada" a th' air sgrùdadh an Oll. Lange.

Thuirt e gun robh dualchas Lochlannach Arcaibh tarraingeach dha leithid Companaidh Bàgh Hudson ann an Canada nuair a bha iad a' lorg luchd-obrach a bha làidir is treun.

Moiteil

Fhuair e gu bheil Arcaich san là a th' ann fhathast mothachail air is moiteil às an dualchas sin, is gun robh beachd làidir aca gun do dh'fhàg e spionnadh sònraichte annta mar dhaoine.

Ach thog an t-Oll. Lange beachd cuideachd gu bheil eadar-dhealachadh eadar na h-Arcaich is daoine air a' chosta an iar far an robh buaidh Cheilteach fhathast ann.

Tha muinntir nan Eilean Siar gun spionnadh, chaidh innse dha, is a' crochadh air taic à Dùn Èideann.

Thuirt an t-Oll. Lange fhèin gu bheil subsadaidhean gu leòr a' dol a dh'Arcaibh a thaobh leithid àiteachais is còmhdail, ach gur e "beachd cumanta" a th' ann an Arcaibh gu bheil muinntir nan Eilean Siar a' crochadh air taic stàite an taca riuthasan.

Dìon

Thàinig dìon air na h-Eileanan an Iar à Arcaibh fhèin.

Thuirt Oifis a' BhBC ann an Kirkwall nach robh e follaiseach cia mheud duine ris an do bhruidhinn Mgr Lange.

Thuirt fear gairm Comhairle Arcaibh, Steven Heddle, gur e amaideas a bh' ann a bhith a' feuchainn ri farpais a chruthachadh eadar air an dà sgìre.

Mhol e cuideachd dhan sgrìobhadair barrachd rannsachaidh a dhèanamh le pinnt a ghabhail ann an Steòrnabhagh.

Cha tàinig beachd air sin à Colaiste Champlain fhathast.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile