BBC Naidheachdan

Runrig aig an Heb Celt an 2016

Published
image copyrightMatt Liengie
image captionRunrig will stage a nationwide tour next year

Bidh Runrig a' cluiche air Fèis Cheilteach Innse Gall ann an Steòrnabhagh an 2016.

Cuiridh an còmhlan crìoch air an fhèis Disathairne an 16mh den Iuchar.

Tha iad air nochdadh ann trì tursan ron a seo.

Thig an clàr ùr aca a-mach aig toiseach 2016 is tòisichidh iad air chuairt an uair sin

Thuirt Ruairidh Dòmhnallach bho Runrig gu bheil Fèis Cheilteach Innse Gall sònraichte dhaibh is gu bheil iad air an dòigh a bhith a' dol ann a-rithist.

Thuirt Ruairidh gun robh e coltach ri a bhith a' dol dhachaigh dhaibh.