Adhartas an Ceann a Tuath na Hearadh

Ionad Slàinte na Hearadh

Thathas den bheachd gu bheil muinntir Cheann a Tuath na Hearadh agus Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' tòiseachadh air tarraing air an aon ràmh, an dèidh coinneimh phoblaich air an Tairbeart oidhche Luain.

Tha sluagh na sgìre air a bhith mì-thoilichte o chionn iomadh bliadhna mun t-seirbheis mheidigich a tha iad a' faighinn taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach.

Tha an dotair a tha an urra ris an sgìre aig na h-amannan sin - air an oidhche agus air deireadh na seachdaine - stèidhichte ann an Steòrnabhagh.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air a ràdh mar thà nach bi dotair no nurs stèidhichte san sgìre, ach tha am Bòrd ag ràdh gu bheil iad a' fastadh barrachd dhotaireran teaghlaich airson Leòdhais is na Hearadh, agus barrachd dhotairean òga dhan ospadal, gus an tèid dotairean teaghlaich a shaoradh airson a dhol a-mach dhan choimhearsnachd.

"Bha deagh chuid de mhuinntir na Hearadh an làthair, agus bha ball againn o Bhòrd na Slàinte agus dà oifigear bho Bhòrd na Slàinte, agus an Comhairliche againn," thuirt Cathraiche Buidheann Dealbhachaidh Ionadail na Hearadh, Mòrag Rothach.

"Fhuair mi gun robh a' choinneamh glè fheumail. Bha e follaiseach gun robh barrachd tuigse aig a' Bhòrd air na duilgheadasan agus na h-uallaich a bh' air an t-sluagh, agus cuideachd tha mi a' smaoineachadh gun robh an sluagh fhèin mothachail air na trioblaidean a bh' aig Bòrd na Slàinte a thaobh a bhith a' fastadh luchd-obrach.

"Ceumannan"

"Agus chuala sinn cuideachd mu dheidhinn nan ceumannan a tha am Bòrd a' gabhail airson feuchainn ris an t-suidheachadh a dhèanamh na b' fheàrr.

"Bha fhathast uallaich ann ge-tà, nach robh daoine stèidhichte anns a' choimhearsnachd, agus tha mi a' smaoineachadh gun tug an aithisg a rinn sinn - air a' bhuaidh a bha seo a' toirt air euslaintich - fiosrachadh seachad dhan a h-uile duine. Do Bhòrd na Slàinte, 's dhan t-sluagh.

"Thog e air tòrr de na duilgheadasan a bh' aig na h-euslaintich sin, nach robh fhios aig Bòrd na Slàinte mun deidhinn rona sin, o chionn cha robh iad air gearain fhaighinn.

"Bha fiosrachadh mionaideach an sin mun bhuaidh a thug e air na h-euslaintich, agus tha mi a' smaoineachadh gun tug e fiosrachadh seachad a bha feumail.

"Dh'aontaich sinn an-raoir cumail oirnn a' còmhradh riutha gus am faigheamaid freagairt. A dhol air adhart còmhla airson freagairt fhaighinn.

"Chaidh dòigh no dhà a thogail anns am faodadh cuideigin a bhith stèidhichte san àite 's dòcha, agus tha sinn a' dol a dh'iarraidh orra sgrùdadh a dhèanamh air dòigh anns an gabhadh 's dòcha banaltraim, luchd-obrach na seirbheis eiridinn, First Responders, airson gum bi cuideigin stèidhichte anns a' choimhearsnachd a bheireadh cofhurtachd 's cuideachadh do dh'euslaintich anns a' chiad dol-a-mach nuair a bhios feum aca air cuideachadh.

"Tha sinn a' tuigsinn gu nàiseanta gu bheil an luchd-eiridinn a' bruidhinn mu dheidhinn a bhith a' cleachdadh an luchd-obrach acasan.

"Dòchasach"

"Tha mi a' smaoineachadh gur e sin dòigh a tha dòchasach dhuinn.

"Tha sinn toilichte gu leòr fhad 's a bhios cuideigin anns a' choimhearsnachd gu am faod daoine a dhol.

"Rinn sinn soilleir nach e idir an cùram a bha daoine a' faighinn air an robh sinn a' gearain - gur ann a bha sinn a' gearain mu dheidhinn na h-ùine agus an astair a dh'fheumas daoine a chaitheamh mus faigh iad cùram.

"Mar sin, nam biodh cuideigin stèidhichte, ged nach b' e dotair idir a bhiodh ann, cuideigin meidigeach gu am faodadh daoine a dhol. 'S e sin an t-slighe air adhart tha sinn a' smaoineachadh.

"Bidh sinn a' cumail oirnn a' còmhradh ri Bòrd na Slàinte gus am faigh sinn freagairt," thuirt i.