Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Plèana

Chaidh itealan cogaidh Ruiseanach a leagail as an adhar os cionn na crìche eadar an Tuirc agus Siria. Tha na Tuirich ag ràdh gun do loisg itealan leotha-san air a' phlèana a bha os cionn na Tuirc gun chead. Chaidh Moscow as àicheadh sin agus thuirt oifigich Ruiseanach gur ann bhon talamh a chaidh losgadh air an itealan aca-san agus nach ann às an adhar. Chan eil dearbhadh ann fhathast air dè thachair dhan dà phìleat Ruiseanach.

Paris

Tha poilis ann am Paris a' dèanamh rannsachadh air crios-spreadhaidh den t-seòrsa a bha aig na ceannaircich a thug ionnsaigh air a' bhaile bho chionn faisg air cealla deug. Tha polais den bheachd gur dòcha gur ann leis an duine a tha iad a lorg 'son na h-ionnsaighean sin, Salah Abdeslam, a bha e oir chaidh fhàgail ann an sgìre den bhaile anns an robh esan air oidhche na ceannairc. Tha e coltach gun do theich esan dhan Bheilg far am bheil rannsachadh farsaing a' dol air adhart fhathast air a shon.

Trident

Tha Taigh nan Comantan ag ullachadh son deasbad feasgar air am bu chòir siostam dìon niucleasach Trident ùrachadh, ach tha am Morair Browne, a bha na Rùnaire Dìon Làbarach eadar 2006 agus 2008, ag ràdh gur dòcha nach eil feum air Trident 's a latha a th' ann. Tha esan ag ràdh gu bheil ionnsaighean cyber a' cur teagamh ann an èifeachdas Trident.

Iomairt theasairginn

Tha buidhnean teasairginn a' feuchainn ri comhair a dhèanamh an-dràsta air bàta cargo a th' ann an èiginn faisg air Arcaibh. Tha an soitheach, 'Skog' a tha fo chlàr Barbados, air a bhith a' gabhail uisge bho thràth 'sa mhadainn an-diugh an iar air Arcaibh.

Suilven

Chaidh an Suilven, bàta a bhoineadh do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn aig aon àm, fodha faisg air Fiji. Thàinig a h-uile duine dhith beò. Bha i a' seòladh eadar Ulapul agus Steòrnabhagh 'son corr 's fichead bliadhna gus an deach a reic ann an 1995. Bha i an dèidh sinn a' seòladh ann an New Zealand agus ann an Fiji.

Dùnadh tràth

Bidh Comhairle na Gàidhealtachd a' gabhail bheachdan air am bu chòir sgoiltean agus oifisean comhairle dùnadh tràth feasgar Dihaoine 'son airgead a shabhaladh. Tha a' chomhairle ag ràdh gun caomhadh sin mu ochd million not agus iad ag amas air aon thar fhichead millean not a shàbhaladh thairis air dà bhliadhna.

Seirbheis slàinte

Thuirt cathraiche na buidhne dealbhachaidh ionadail slàinte anns na Hearadh gu bheil a' choimhearsnachd agus am bòrd slàinte a-nis a' tòiseachadh air tarraing air an aon ràmh mu sheirbhisean oidhche san sgìre. Tha dragh mòr air a bhi ann mun ìre de sheirbheis slàinte tha ri fhaotainn ann an Ceann a Tuath na Hearadh air an oidhche agus air an deireadh sheachdain. Ach às dèidh coinneamh mun chùis an-raoir, thuirt Mòrag Rothach gun robh tuigse nas fheàrr aig gach taobh air suidheachadh càch a chèile.