Boireannach a dhìth aig tuath

Màiread NicCoinnich Image copyright Poilis Alba
Image caption Chaidh Màiread NicCoinnich fhaicinn mu dheireadh oidhche Luain.

Tha na Poilis air taic an t-sluaigh iarraidh gus lorg fhaighinn air boireannach, 70, a tha a dhìth air a' Ghàidhealtachd.

Chunnacas Màiread NicCoinnich, no Magaidh mar as fheàrr a dh'aithnichear i, mu dheireadh aig an taigh aice air Park Terrace ann an Srath Pheofhair mu 7:00f Diluain.

Tha Ms NicCoinnich a' fulang le dementia is thuirt na Poilis gu bheil dragh orra mu deidhinn.

Thuirt iad gu bheil coltas ann gu bheil seacaid fhada dhubh Regatta oirre, dìnichean uaine is botannan dubha.

Dh'fhaodadh gu bheil speuclairean oirre agus gu bheil poca dubh is geal aice.

Thuirt na Poilis gum bi Màiread tric a' coiseachd timcheall air Srath Pheofhair is dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh mu deidhinn fios a chur orra air 101.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile