MV Suilven
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

"Bha e mar gun do chaill mi fear a bha gu math faisg orm"

25 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha i còrr is 20 bliadhna a' seòladh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul, ach 's ann air taobh thall an t-Saoghail, ann am Fìdsidh, a thàinig cùrsa an Suilven gu crìch.

Cha robh luchd-siubhail air bòrd nuair a chaidh i beul-fodha ann an caladh Suva Diluain, agus fhuair a criubha air falbh gu sàbhailte.

Mar a tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris, tha gu leòr - gu h-àraid ann a Leòdhas - duilich mu na dh'èirich dhan Suilven.