Dragh mun deoch-làidir air a' Ghàidhealtachd

Thuirt Stiùiriche Slàinte a' Phobaill aig Seirbheis Slàinte na Gàidhealtachd gu bheil dragh mòr air mun àireamh dhaoine anns an sgìre aig a bheil duilgheadas le deoch-làidir.

Aig coinneimh den Bhòrd Shlàinte Dimàirt seo tighinn, canaidh an Dr. Hugo van Woerden gu bheil còrr is 40% den t-sluagh a-niste ag òl barrachd na bu chòir.

Ann an 2013/14 bha mu shianar de mhuinntir na sgìre fo chùram an ospadail gach là air sgàth na dibhe.

Innsidh an Dr. Worden cuideachd gu bheil boireannaich eadar 16 agus 24 bliadhna de dh'aois ag òl barrachd na b' àbhaist.