Deasbad mu thairgse nan aiseagan

  • Air fhoillseachadh
Bàt-aiseig

Thèid iarraidh air buill na Pàrlamaid Albannaich Diciadain seirbheisean aiseig a' Chosta an Iar a chumail san roinn phoblaich.

Bidh an t-aonadh RMT agus luchd-obrach nan aiseagan a' coiteachadh bhall na Pàrlamaid agus pròiseas tairgse nan aiseagan ga dheasbad feasgar.

Tha na Làbaraich a' cur air adhart moladh gun cuir ministearan an Riaghaltais stad air a' phròiseas tairgse, agus iad ag ràdh gu bheil am pròiseas cosgail, 's gu bheil e ag adhbharachadh troimhe-chèile.

Tha iad cuideachd ag ràdh gu bheil am pròiseas nas bàidheil ris an roinn phrìobhaidich.

Canaidh riochdairean an RMT gu bheil earrainn mhòr de shluagh na h-Alba a tha gu tur an aghaidh seirbheisean aiseig a bhith gan cur dhan roinn phrìobhaidich.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh ge-tà, gu bheil oidhirpean nan Làbarach gun chùram, 's gu bheil iad a' feuchainn ri dragh a chur air daoine mu dheidhinn a' phròiseas.

Tha an Riaghaltas cuideachd ag ràdh gun robh aig na Làbaraich ris an dearbh phròiseas a leantainn nuair a bha iad fhèin san Riaghaltas.

Thuirt an Riaghaltas gu bheil iad a' cur fàilte air an deasbad gus sealltainn gu bheil iad a' cur taic ri seirbheisean aiseig, agus gu bheil am pròiseas tairgse fosgailte, cothromach agus soilleir.