Chaidh bhòtadh an aghaidh stad a chur air pròiseas tairgse nan aiseagan

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Pròiseas tairgse gus leantainn

Bhòt buill ann am Pàrlamaid na h-Alba an aghaidh rùn Làbarach a bha a' moladh stad a chur air a' phròiseas tairgse airson seirbheisean aiseag a' chost an iar.

Chaidh bhòt a chumail agus argamaidean laghail gan cur air beulaibh a' Choimisein Eòrpaich a bhiodh a' ciallachadh nach biodh feum air leithid de phròiseas airson seirbheisean deatamach anns an roinn phoblaich.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gum feum iad tairgsean iarraidh airson na seirbheisean, mar a rinn na Làbaraich nuair a bha iadsan san Riaghaltas aig Holyrood.

Bha Aonadh an RMT agus luchd-obrach nan aiseagan a' coiteachadh bhall na Pàrlamaid agus pròiseas tairgse nan aiseagan ga dheasbad.

Pròiseas connspaideach

Tha na Làbaraich ag ràdh gu bheil am pròiseas cosgail, 's gu bheil e ag adhbharachadh troimhe-chèile.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh ge-tà, gu bheil oidhirpean nan Làbarach gun chùram, 's gu bheil iad a' feuchainn ri dragh a chur air daoine mu dheidhinn a' phròiseas.

Chuir an Riaghaltas fàilte air an deasbad, ag ràdh gu bheil e a' toirt cothrom dhaibh sealltainn gu bheil iad a' cur taic ri seirbheisean aiseig, agus gu bheil am pròiseas tairgse fosgailte, cothromach agus soilleir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile