BBC Naidheachdan

Boireannach a bha a dhìth ga lorg

Published
image copyrightPolice Scotland
image captionChaidh Màiread NicCoinnich a lorg ann an sgìre Shrath Pheofhair.

Chaidh boireannach, 70, a bha a dhìth air a' Ghàidhealtachd, a lorg.

Thòisich iomairt gus Màiread NicCoinnich a lorg madainn Dimàirt às dèidh mar a chaidh a faicinn mu dheireadh na dachaidh ann an Srath Pheofhair oidhche Luain.

Bha heileacoptair nam poileas, coin agus sgioba teasargainn nam beann aig an RAF an sàs anns an iomairt.

Dhearbh Poileas Alba gun deach Ms NicCoinnich, air a bheil dementia, a lorg ann an sgìre Shrath Pheofhair.

Thug na poilis taing dhan phoball agus dha na meadhanan airson an cuideachadh.