An Dà Latha

Bheir naidheachd an latha an-diugh buadh shoilleir air daoine aig an taigh.

Bha dùil gun cailleadh còrr is trì millean neach airgead bhon Ghiblean mar thoradh air gearradh de £4.4bn far chreideasan-cìse, a chuireas ri teachd-a-steachd dhaoine air tuarasdail ìosal.

Às dèidh mar a bhòt na Morairean na aghaidh, bha dùil gun dèanadh George Osborne rudeigin airson faothachadh a thoirt dhaibh.

Cha robh dùil, ge-tà, gun cuireadh e stad air na gearraidhean seo uile gu lèir.

Nach ann airsan a thàinig an dà latha.

Ach bha cron ga dhèanamh air Mgr Osborne le gach latha a chaidh seachad.

Faothachadh

Bha na Làbaraich, an SNP agus cuid anns a' phàrtaidh aige fhèin ag iarraidh air cùl a chur ris a' phoileasaidh seo.

Is coltach gun do chuir Mgr Osborne roimhe gun robh e cho math dha faighinn seachad air seo cho luath is a ghabhadh.

Agus, fhuair e fhèin beagan faothachaidh bho bhileagan cìse na b' àirde agus cosgaisean fèich na b' ìsle.

Fàgaidh co-dhunadh an latha an-diugh gum bris Mgr Osborne an riaghailt aige fhèin, a' dol thairis air a' chrìch air nas urrainn dha cosg air sochairean.

Ach tha Mgr Osborne ag ràdh tèid a' chosgais seo mar thoradh air toiseach a' Chreideis Choitchinn, agus mar sin gum bi e taobh a-staigh na crìche a-rithist as dèidh bliadhna no dhà.

Lùghdachadh

Tha e fhathast a' cumail a-mach gum bi barras ionmhais - sin gum bi an riaghaltas a' toirt a-steach barrachd na chosgas e - de £10bn anns a' bhliadhna 2020.

Ach gus sin a dhèanamh, feumaidh e gearraidhean mòra a dhèanamh, a' lùghdachadh cosgaisean na stàit gu 36.5% de thoradh nàiseanta na dùthcha, sìos bho 45% nuair a fhuair Mgr Osborne a dhreuchd ann an 2010.

Fàgaidh sin gun tèid buidseatan roinneil an riaghaltais a ghearradh le £20bn - sin 0.8% de chosgaisean an riaghaltais gu lèir gach bliadhna gu 2020.

Chaidh magadh air an t-Siansalair an-diugh airson a bheachd atharrachadh air creideasan-cìse agus chaidh a chàineadh leis na Làbaraich agus an SNP airson nan gearraidhean cruaidhe a tha e a' cur an sàs.

Thuirt an Seansalair Dùbhlan, John McDonnell, gur e roghainn poileataigeach a bha anns a gearraidhean agus thuirt leas-cheannard an SNP, Stiùbhart Hosie nach do bhòt an sluagh airson deich bliadhna de chruaidh-ghearraidhean.

Cha chuir sinn cus dragha air Mgr Osborne.

Nàire

Tha na Tòraidhean a' creidsinn gu bheil na Làbaraich fo Jeremy Corbyn ro lag bacadh a chur orra.

Bha Làbaraich gu leòr cuideachd dhen bheachd gur e adhbhar nàire a bha ann dhaibhsan nuair a leugh Mgr McDonnell bho Leabhar Dearg Mhao.

Agus chuir Mgr Osborne dùbhlan fa comhair Riaghaltas na h-Alba, ag iarraidh orra tighinn gu aonta air siostam ùr gus airgead na h-Alba a thomhas.

Anns na bliadhnaichean ri thighinn, tha e airson coire airson nan gearraidhean a ghluasad bho Westminster gu Holyrood, rud a bhios na dhuilgheadas don SNP.

Ann an 2020, tha Mgr Osborne airson a bhith na phrìomhaire.

Tha sin, agus gu leòr eile, an crochadh air na thachair an-diugh.