MG Alba air taic £1m a chall

  • Air fhoillseachadh
MG ALBATùs an deilbh, MG ALBA

Tha telebhisean Gàidhlig air £1m de thaic-airgid bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mar phàirt de ghearraidhean a dh'fhoillsich an Seansalair Diciadain.

Bha MG Alba, a tha a' ruith BBC Alba ann an co-bhonn ris a' BhBC, a' faighinn an airgid bho Roinn a' Chultair, nam Meadhanan agus an Spòrs.

Chaidh airgead a bharrachd à Westminster 'son telebhisean na Gàidhlig fhoillseachadh ann an 2014 le Danny Alexander, a bha na Àrd-Rùnaire do Roinn an Ionmhais aig an àm.

Gheall e £1m a bharrachd eadar 2014 is 2016, dùblachadh air an t-suim a bha an Riaghaltas a' toirt seachad.

Thuirt Mgr Alexander gur e pàirt cudromach de dhualchas na dùthcha a th' anns a' Ghàidhlig, 's gun robh e iomchaidh gun toireadh Riaghaltas Westminster taic seachad.

Thuirt an DCMS gu bheil dleasdanas air Riaghaltas na h-Alba taic a thoirt do MG ALBA ach gun robh Riaghaltas na Co-bhanntachd aig Westminster air taic shònraichte £2m a thoirt seachad eadar 2014 is 2016.

Dhearbh iad gun tig an taic sin gu ceann sa Mhàirt 2016.

Timcheall a' BhBC

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh