Sùilean air Pàirc a' Bhucht

  • Air fhoillseachadh
Pàirc a' Bhucht
Fo-thiotal an deilbh,
Bhuannaich Ceann a' Ghiuthsaich Cupa na Camanachd aig Pàirc a' Bhucht an-uiridh. Tha iad air ais Disathairne 'son farpais ri Cill Mhàillidh 'son àite sa Phrìomh Lìog.

Air an 13mh den t-Sultain 2014 rinn Ceann a' Ghiuthsaich an gnothach air Gleann Urchadain 4-0 aig Pàirc a' Bhucht gus Cupa na Camanachd a thogail.

Bha dà thadhal aig Raghnall Ros an là sin is dh'innis e às dèidh làimh nach cluicheadh e dhan chiad sgioba tuilleadh.

An cluicheadair as fheàrr dha ghinealach, no ginealach sam bith 's dòcha, ag ràdh soraidh slàn ann an dòigh iomchaidh is an duais as motha sa gheama na làmhan 'son a' chiad turas bho 2006.

Nam biodh Roy Race a' cluich iomain, 's ann mar seo a bhiodh e air cùl a chur ris an spòrs.

Eadar sin is rionnagan òga sgileil mar Savio Genini is Seumas Falconer, abair gun robh a' ghrian a' deàrrsadh air Ceann a' Ghiuthsaich an là sin.

Diofraichte

Beagan a bharrachd is bliadhna às dèidh sin, tillidh iad gu Pàirc a' Bhucht Disathairne le duais ga math diofraichte san amharc aca - an t-àite aca sa Phrìomh Lìog a chumail, duais a tha Cill Mhàillidh 'son a thoirt bhuapa.

Bha dùil aig Ceann a' Ghiuthsaich ri seusan car measgaichte leis an fheadhainn òga a' cur eòlais air an ìre as àirde den gheama.

Thòisich iad an ìre mhath, ach cha do bhuannaich iad ach dà gheama san dàrna leth den t-seusan.

Bhiodh sin air a bhith math gu leòr mura b' e an aiseirigh iongantach a thàinig air Camanachd an Òbain.

Rinn sgioba an Òbain an gnothach air Ceann a' Ghiuthsaich air a' mhìos a chaidh gus sgioba Bhàideanach a chur dhan gheama-dearbhaidh seo.

Bhon uairsin tha fathanan air a bhith a' cuairteachadh Chinn a' Ghiuthsaich gun till Raghnall gus cobhair a dhèanamh orra.

Tùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Ceann a' Ghiuthsaich searbh den cheist, ach am faic sinn Raghnall Ros air a' phàirc Disathairne?

Thuirt an gaisgeach fhèin an là a rinn Alba an gnothach air Èirinn aig Pàirc a' Bhucht gun cluicheadh e nam biodh feum air.

Tha e air diùltadh bruidhinn mu dheidhinn bhon uairsin, ge-tà, is tha e follaiseach gu bheil na cluicheadairean eile air fàs sgìth den cheist.

Am bu chòir do Raghnall tilleadh air là fuar geamhraidh às dèidh mìosan na thàmh - eil na balaich eile ga iarraidh air ais?

Dè dhèanadh Roy Race?

Chì sinn dè nì Ceann a' Ghiuthsaich aig 1f Disathairne.

Fhad 's a tha seo uile a' dol air adhart is aire a h-uile duine, cha mhòr, air Ceann a' Ghiuthsaich is Raghnall, tha Cill Mhàillidh air a bhith a' deasachadh 'son a' gheama as motha den t-seusan aca fhèin.

Bochd

Tha Cill Mhàillidh car bochd nach eil iad sa Phrìomh Lìog co-dhiù, is tha faireachdain sa Chorpaich gu bheil gach crathadh a rinneadh air stuctar nam farpaisean anns na bliadhnaichean mu dheireadh air obrachadh nan aghaidh.

Gu dearbh, thèid gluasad bhuapa mu choinneamh AGM na Camanachd oidhche Haoine a dh'iarraidh gun tèid an dà sgioba as àirde san Lìog Nàiseanta dhan Phrìomh Lìog, gun feum air geama-dearbhaidh.

Cha dèan sin feum dhaibh am-bliadhna, ge-tà, agus 's ann air a' phàirc a dh'fheumas iad àite sa Phrìomh Lìog a choisinn.

Cha do chluich iad bho dheireadh na Sultaine, rud a dh'fhaodadh a dhol nan aghaidh, ach cha robh dad san amharc aca bhon uairsin ach an geama seo.

Cha do chaill iad ach dà gheama lìge am-bliadhna, dà gheama cruaidh ri Camanachd an Eilein Sgitheanaich, is faodaidh tu a bhith cinnteach le Cill Mhàillidh nach fhaigh Ceann a' Ghiuthsaich geama furasta an seo.

Ceistean gu leòr, gheibh sinn na freagairtean Disathairne.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh