Iasad ùr airson beartan a cheannach
- Air fhoillseachadh
Gheibh Ùghdarras a' Chlò Mhòir iasad de £25,000 bho Chomhairle nan Eilean Siar airson beartan ùra a cheannach.
Cleachdar airgead bho stòras a chaidh a chur air dòigh bho chionn grunn bhliadhnaichean nuair a bha gnìomhachas a' Chlò Hearaich ann an stait gu math ìosal.
Tha cùisean air tighinn air adhart gu mòr bhon uairsin le 1.5m meatair dhen chlò a-nis air a dhèanamh sa bhliadhna - suas bho 450,000 meatair ann an 2008.
Beartan ùra
Bheir Comhairle nan Eilean Siar iasad de dh'Ùghdarras a' Chlò Mhòir airson sia beartan ùra a cheannach.
Thèid iad seo còmhla ri sia beartan eile a tha Urras Horsiadar agus Urras Tholastaidh a cheannach.
Thuirt Iar-chathraiche Chomataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton, gun cruthaich seo barrachd chothroman anns a' ghnìomhachas.
"Bidh cothrom aig daoine a-nis a thighinn a-steach dhan ghnìomhachas agus sgilean ùra ionnsachadh a thaobh na beairt agus a' Chlò Hearaich agus tha sinn toilichte gu bheil sinn comasach air an taic seo a thoirt seachad aig an àm a tha seo", thuirt e.
Tha 170 beart anns na h-Eileanan an-dràsta.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 27 An Lùnastal 2014
- 26 An Giblean 2013