Uard 6C air fosgladh às ùr

Tha Uard 6C ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir air fosgladh a-rithist às dèidh grunn chùisean de Noro-bhìoras.

Chaidh glanadh domhainn a dhèanamh air an uard às dèidh do ghrunn daoine fàs tinn leis.

Tha NHS na Gàidhealtachd a' toirt rabhadh ge-tà gu bheil an galar fhathast ma sgaoil anns a' choimhearsnachd agus tha iad ag iarraidh air daoine cumail air falbh bhon ospadal ma tha iad fhèin, neo cuideigin a tha a' fuireach còmhla riutha, a' fulaing leis.

Tha iad cuideachd ag iarraidh air daoine a tha a' tadhail air euslaintich gun a bhith a' suidhe air an leabaidh air neo a bhith a' làimhseachadh uidheamachd ri taobh na leapa.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile