Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha am Prìomhaire air a bhith ag innse do Thaigh nan Cumantan carson a bu chòir do Bhreatainn a dhol an sàs ann an ionnsaighean adhair ann an Siria. Thuirt Dàibhidh Camshron nach urrainn do Bhreatainn a dleastanasan a sheachnadh anns a' chogadh an aghaidh na Stàite Ioslamaich. Thuirt e gu bheil IS a' dèanamh cunnairt do Bhreatainn, agus gur e gun dad idir a dhèanamh an cunnart as motha a th' ann.

Tha Ceann-suidhe na Frainge, Francois Hollande, ann am Mosgo, 's esan ag iarraidh taic na Ruis, còmhla ri dùthchannan eile airson ionnsaigh air IS ann an Siria. Tha an Fhraing agus an Ruis an sàs mar thà ann an ionnsaighean bhon adhair air Siria, ged nach eil iad ag aontachadh dè na targaidean air am bu chòir iad a bhith ag amas. Tha call itealain chogaidh na Ruis os cionn na Tuirce aig toiseach na seachdain seo, a' fàgail chùisean nas doirbhe cuideachd.

Buidseat na h-Alba

Thèid fiosrachadh a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba feasgar air plana Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, an dèidh aithris an t-Seansalair an-dè. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gun d' fhuair Alba deagh aonta le plana Sheòrais Osborne, ach tha Iain Swinney a' cumail a-mach gu bheil nas lugha de dh'airgead chalpa a' tighinn a dh'Alba às a dhèidh.

Call MG ALBA

Agus tha e air tighinn am follais mar phàirt den bhuidseat sin an-dè gu bheil MG ALBA, a tha a' ruith an t-sianail thelebhisein BBC ALBA, a' call a' mhillean not a tha iad air a bhith a' faighinn bho Riaghaltas Lunnainn. Thuirt deasaiche an Daily Record aig Westminster, Torcuil Crichton, gu bheil dearbhadh ann gun sguir Roinn a' Chultair, nam Meadhanan agus na Spòrs aig Westminster a' toirt £1m sa bhliadhna do MG ALBA, agus gun cuir sin às dhan cheangal ionmhais agus stiùiridh mu dheireadh eadar telebhisean Gàidhlig agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Aiseag Steòrnabhaigh

Tha cathraiche Chomataidh Leasachaidh Chomhairle nan Eilean Siar ag ràdh gum feum tòiseachadh às ùr ag iomairt airson an dàrna bàt-aiseig eadar Steòrnabhagh agus Ulapul. Tha Alasdair MacLeòid ag ràdh nach bi aon bhàta gu leòr eadar luchd-siubhail agus bathair. Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn rona seo gu bheil an MV Loch Seaforth leatha fhèin comasach air dèiligeadh ris an iarrtas a th' ann.