Luchd-taic foghlaim gan glèidheadh
- Air fhoillseachadh

Tha a' Chomhairle ag ràdh gum feum iad £26m a ghearradh thar an ath-chòig bliadhna
Tha comhairlichean ann an Earra-Ghàidheal 's Bòd air cur às de phlanaichean airson an àireamh de luchd-obrach a bheir taic do chloinn le feumalachdan sònraichte anns na sgoiltean a ghearradh.
Tha a' Chomhairle a' coimhead ri diofar dhòighean gus airgead a chaomhnadh 's iad ag ràdh gu bheil toll £26m anns an ionmhas aca thar an ath-chòig bliadhna.
Bha am moladh airson gearradh 45% a thoirt air an àireamh de luchd-taic foghlaim air a bhith gu math connspaideach le iomagain air pàrantan mun bhuaidh a bheireadh e air foghlam an cuid chloinne.
Aig coinneimh dhen làn-chomhairle Diardaoin chaidh co-dhùnadh am moladh a leigeil às.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An t-Samhain 2015
- Air fhoillseachadh8 An Dàmhair 2015
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh