Oidhirp gus eaglais eachdraidheil a ghlèidheadh
- Air fhoillseachadh

Thèid coinneamh phoblach a chumail air taobh siar Rois Disathairne mar phàirt de dh'oidhirp eaglais eachdraidheil a ghlèidheadh dhan choimhearsnachd.
Tha Eaglais Pharraiste Loch Bhraoin sa Chlachan, a chaidh a thogail ann an 1837, a-nis a' dol bhuaithe 's gun ach beagan dhaoine a' frithealadh sheirbheisean innte.
Tha dragh air a' choimhearsnachd gum bi aig Eaglais na h-Alba ris an togalach a reic.
Beachdan na coimhearsnachd
Cumaidh a' choimhearsnachd coinneamh Disathairne far am beachdaich iad air dòighean eile anns an gabhadh an togalach a chuir gu feum agus mar a ghabhadh pàigheadh airson an obair a tha a dhìth oirre.
Thuirt tè de choithional na h-eaglaise, Sarah NicChoinnich, gur e "là duilich" a bhiodh ann nan dùnadh an eaglais.
Ged nach eil an eaglais fhèin a' dol air ais ach chun 19mh linn, tha an làrach air a bheil i suidhichte air a bhith na h-àite adhraidh fad ochd ceud bliadhna.
Thuirt Pam NicChoinnich, a tha na h-èildear agus na h-ionmhasair anns a' choithional, gu bheil cunnart ann gun tèid an eaglais a reic mura faigh iad fuasgladh eile taobh a-staigh bliadhna.
Thuirt neach-labhairt bho Eaglais na h-Alba nach deach co-dhùnadh sam bith a dhèanamh fhathast mun eaglais agus gun toir a' choinneamh Disathairne cothrom do dhaoine beachdachadh air na ghabhadh a dhèanamh leatha.
'S e an coithional agus a' chlèir, thuirt iad, a cho-dhùnas na thachras dhan eaglais.
Bidh a' choinneamh anns an eaglais aig 2f Disathairne.