Sgoiltean ùra do dh'Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Ceann Loch Chille Chiarain.Tùs an deilbh, David Hawgood / Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid sgoil ùr a thogail do Ghrammar Cheann Loch Chille Chiarain.

Thèid dà sgoil ùr a thogail ann an Earra-Ghàidheal mar phàirt de phròiseict a th' air taic às ùr fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Chuir an Riaghaltas dàil air planaichean gus deich sgoiltean agus dà phròiseact slàinte a thogail nas tràithe am-bliadhna, agus iad a' feitheamh stiùireadh mu riaghailtean ionmhas Eòrpach.

Dhearbh an Leas Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, gum faod na pròiseactan a-nise a dhol air adhart.

Tha sin a' ciallachadh gum bi togalaichean ùra aig Àrd Sgoil an Òbain agus Grammar Cheann Loch Chille Chiarain.

Cosgaidh an dà phròiseact £55m.

Thèid àrd-sgoil ùr a thogail ann an Eilginn cuideachd mar phàirt den phròiseict.

Thathas an dòchas gum bi iad deiseil anns t-Samhradh 2017.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh