Leasachadh ùr do chompanaidh Uibhistich

Giomach

Fosglaidh gnìomhachas maoraich ann an Uibhist a Tuath bùth èisg ann an Glaschu an ceartuair.

Tha bùth aig Kallin Shellfish ann an Griomasaigh mar thà, ach 's e a' chiad àite a bhios aca air Tìr-Mòr.

Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad ag amas air aithne a tharraing gu ainm a' mhaoraich aca fhèin sa chiad dol a-mach, ach gum bi iad deònach biadh à gnìomhachasan eileanach eile a chur dhan bhùthaidh.

"Tha sinn air tòrr a chosg air a' mhaorach a tha sinn a' dèanamh an seo", thuirt stiùiriche Kallin Shellfish, Eachann Stiùbhart.

"Tha sinn 'son sin a thoirt a-mach dhan mhòr-shluagh 'son a bhith a' reic barrachd", thuirt e.

'S e ceum mòr a tha seo dhan chompanaidh, ach tha iad an dòchas nach eil ann ach toiseach-tòiseachaidh is gun tig leudachadh a bharrachd.

"Bhiodh sinn an dòchas mar a bhios ùine a' dol seachad gun dèan sinn barrachd den seo, 's dòcha ann am bailtean eile, ma dh'obraicheas e glè mhath", thuirt Eachann Stiùbhart

"Chan eil a' bhùth seo ach beag is chan urrainn dhut tòrr a chur ann.

"Chòrdadh e rinn anns na bliadhnaichean ri tighinn bùithdean a dhèanamh anns am biodh barrachd de stuth nan eilean, an stuth againn fhìn agus barrachd de stuthan dhaoine eile cuideachd", thuirt e.