Salar
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Salar air stèidh sheasmhach

27 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha sinn a' tighinn faisg air an àm as trainge den bhliadhna do dh'iomadh gnìomhachas, agus air fear dhiubh sin tha taigh-smocaidh bhradan 'Salar' ann an Uibhist a Deas.

Dhùin an taigh-smocaidh aig Loch Duart as t-Earrach, ach dh'fhosgail e às ùr fon ainm Salar as t-Samhradh le feadhainn ùra os cionn na companaidh.

Tha na h-òrdain a-nise a' tighinn a-staigh an ìre mhath mar a bha aig an aon àm an uiridh.