Coilltearachd luach cha mhòr £1bn gach bliadhna
- Air fhoillseachadh

Tha gnìomhachas coilltearachd na h-Alba a-nis a' cur cha mhòr £1bn nòt ri eaconamaidh na h-Alba gach bliadhna, a rèir nam figearan as ùire.
Thàinig àrdachadh de 50% ann an obair fiodha agus àireamhan obraichean san roinn bho 2008.
Thuirt ceannardan a' ghnìomhachais gu bheil dòighean-obrach ùra a' ciallachadh gu bheil barrachd stuth fiodha luachmhor ga chruthachadh.
Tha an obair san roinn air a bhith na cuideachadh don fhàs ann an gnìomhachasan cudromach eile leithid chumhachd, obair togail agus turasachd.
Tha luchd-obrach na coilltearachd a-nis a' faighinn na buannachd às na chaidh a chur de chraobhan anns na 1970an agus na 1980an, agus na craobhan sin a-nis deiseil airson an leagail.
Thug seo leudachadh mòr air a' ghnìomhachas eadar a bhith a' leagail chraobhan le bhith a' cleachdadh uidheamachd èifeachdaich ùir agus a' giollachd an fhiodha ann an dòighean nas fheàrr anns na muilnean-sàbhaidh.
A rèir na h-aithisg bho Choimisean Coilltearachd na h-Alba tha 25,000 neach a-nis ag obair anns a' ghnìomhachas ann an dòigh air choreigin.
Ann an 2008 bha mu 5,000,000 tunna de dh'fhiodh ga reic gach bliadhna.
Tha an ìre an-dràsta aig 7.5m tunna gach bliadhna.
Thuirt Stuart Goodall, ceannard a' chomainn mhalairt a tha a' brosnachadh coilltearachd, Confor: "Tha an aithisg seo a' sealltainn cho cudromach 's a tha gnìomhachas coilltearachd na h-Alba do sgìrean dùthchail agus don eaconamaidh nàiseanta."