Seòmar Comhairle na Gàidhealtachd
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gearraidhean ionmhais mòr air fàire

30 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha fada bharrachd sàbhalaidhean aig Comhairle na Gàidhealtachd ri dhèanamh sa bhuidseat aca an ath-bhliadhna na bha dùil aca.

Thuirt àrd-bhuill na comhairle Diluain gu bheil suas ri £15M a bharrachd ri shàbhaladh na bha san amharac, ri linn gearraidhean ann an òraid foghair an t-Seansalair an t-seachdainn-sa chaidh.

Tha sin a' ciallachadh gur dòcha gum bi aca ri còrr is £40M a ghearradh san ath bhliadhn' ionmhais uile gu lèir.

Tha Karen Elder ag aithris.