Gearraidhean mòra eile air fàire

Airgead Image copyright Getty Images

Bha dùil aig Comhairle na Gàidhealtachd gum biodh aca ri £20m a shàbhaladh an ath-bhliadhna.

Tha iad a-nis ag ràdh gur e £40m a bhios ann - an dèidh òraid an t-Seansalair an t-seachdain a chaidh.

Tha iad ag ràdh gu bheil sin a-nis a' ciallachadh gu bheil a h-uile càil a tha iad a' dèanamh gu bhith fo phrosbaig nan gearraidhean.

"Feumaidh a' Chomhairle sàbhaladh còrr air £40m an ath-bhliadhna. 'S e an t-uabhas airgid a tha sin," thuirt Iar-Chathraiche Comataidh Stòrais na Comhairle, Alasdair MacFhionnghain.

Seirbheisean

"Tha e còrr air £20m a bharrachd air na bha dùil againne.

"Feumaidh sinn a bhith a' coimhead air seirbheisean. 'S dòcha gum feum na seirbheisean a ghearradh.

"Tha molaidhean ann gun dùin iad oifisean na Comhairle gach feasgar Dihaoine, agus 's dòcha gum bi na sgoiltean cuideachd a' dùnadh. Tha sinn a' coimhead air rudan mar sin cuideachd.

"Feumaidh a h-uile càil a bhith fon phrosbaig. Feumaidh sinn coimhead air foghlam.

"Nì sinn ar dìcheall seirbheisean a chumail," thuirt e.

Tha Cìs na Comhairle air a reothadh, agus cha deach a chur suas bho 2008/09, agus tha sin air cuideam a chur air buidseatan chomhairlean.

Dh'fhaodadh Comhairle na Gàidhealtachd àrdachadh a thoirt air a' Chìs, nan togradh iad, ach dh'fheumadh iad càin 30% a phàigheadh air gach £1m a gheibheadh iad tro bhith a' dèanamh sin.

"Feumaidh sinn a dhol air ais a-rithist chun a' bhùird, agus feumaidh a h-uile càil a thighinn fon phrosbaig," thuirt Mgr MacFhionnghain.

"Bidh sinn a' bruidhinn ri roinn na Gàidhealtachd agus roinn na h-Alba. Feumaidh sinn bruidhinn gus am faic sinn dè dh'fheumas sinn a dhèanamh," thuirt e.

Thuirt Mgr MacFhionnghain gur dòcha gum feum a' Chomhairle air a' cheann thall, coimhead ri daoine a chur às an cosnadh an aghaidh an toil.

"Aig an ìre a tha seo, chan eil sinn a' coimhead ri sin," thuirt e.

"Ach mar a thuirt mi mar thà, feumaidh sinn coimhead air gach nì.

"Agus air a' cheann thall, feumaidh sinn cuideachd a bhith a' coimhead air mar a tha na seirbheisean.

"Tha mise den bheachd cuideachd gu bheil feadhainn de na seirbheisean a' cosg còrr air na bu chòir dhaibh.

"Feumaidh sinn coimhead air seo cuideachd.

"Na rathaidean, rudan mar sin, agus coimhead às dèidh nan taighean againn.

"Feumaidh sinn coimhead air na cosgaisean a th' ann an sin," thuirt e.