Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Chaidh cur às do Cheistean a' Phrìomhaire ann an Taigh nan Cumantan a-màireach, airson làn-là deasbaid a thoirt do Bhuill-Phàrlamaid air Siria. Tha dùil gun aontaich an Caibineat an-diugh fhathast ri moladh Dhàibhidh Chamshroin airson ionnsaighean adhair bho Bhreatainn. Tha coltas a-nise gum faigh an Riaghaltas taic airson sin ann am bhòt anns na Cumantan an ath-oidhche.

A' Ghearmailt

Dh'aontaich Riaghaltas na Gearmailt taic armaichte a thoirt dhan Fhraing na sabaid an aghaidh IS. Bheireadh a' Ghearmailt seachad plèanaichean sgrùdaidh, friogaid nèibhidh, agus suas ri 1,200 saighdear. Feumaidh am plana fhathast aonta bho Phàrlamaid na Gearmailt.

Ospadal na Bàn-righinn Ealasaid

Chan eil ospadal ùr na h-Alba - Ospadal na Bàn-righinn Ealasaid an Glaschu - a' toirt cùraim cheart do sheann daoine a rèir luchd-sgrùdaidh. Thuirt a' bhuidheann Piseach Slàinte na h-Alba gun robh an t-ospadal a' dèanamh gu math ann an còig raointean sgrùdaidh, ach gun robh uireasbhaidh ann an 18 raointean. Am measg an fheadhainn air an robh dìth bha an dòigh anns an robh iad a' dèiligeadh ri seann daoine agus a' toirt cùraim seachad airson stròc.

Dachaigh-Cùraim

Chaidh ceistean mòra a thogail mu shlàinte is sàbhailteachd an fheadhainn a tha a' fuireach ann an dachaigh chùraim ann an Inbhir Nis. Bha luchd-sgrùdaidh a' chùraim air dachaigh Highview a chàineadh na bu tràithe am-bliadhna, 's air òrdachadh dhaibh piseach a thoirt air cùisean. Ach ann an aithisg ùr tha an luchd-sgrùdaidh ag ràdh nach deach a' chuid mhòr de na h-atharrachaidhean a dh'iarr iad a chur an sàs idir.

Ineos

Cheannaich a' chompanaidh mhòr cheimigeach Ineos raointean ola anns a' Chuan a Tuath, a tha a' cur air tìr 8% de ghas Bhreatainn. Bha iad le fo-chompanaidh Ghearmailtich den bhuidhinn N1 Energy. Thuirt Ineos gun cumadh na raointean gas ri aon dachaigh anns gach deich ann am Breatainn.

Bann-leathann Luath

Tha bann-leathann luath fhathast a dhìth air companaidhean agus dachaighean a-muigh air an dùthaich, a rèir rannsachaidh ùir a rinn Ofcom. Thuirt an riaghladair fòn is eadar-lìn gun deach adhartas a dhèanamh, ach gu bheil 1.5m dachaigh ann an sgìrean dùthchail fhathast gun eadar-lìon de 10 MB san diog - sin an t-astar a tha an Riaghaltas a' gealltainn dhan a h-uile duine.

Diluain an Eadar-Lìn

Ghabh muinntir nan Eilean Siar barrachd chothrom air bargain air-loidhne Diluain an Eadar-Lìn (Cyber Monday) na àite sam bith eile, a rèir dàta a chaidh fhoillseachadh. Fhuair a' chompanaidh analais PCA Predicts gun deach na cheannaich daoine air-loidhne an-àirde an-dè, ach gun deach e an-àirde sna h-Eileanan barrachd air àite sam bith eile. Air feadh Bhreatainn bha ceannach air-loidhne an-àirde 13% seach an àm seo an-uiridh.