Inverness Leisure ag aontachadh amaladh

Leabhraichean Image copyright Thinkstock
Image caption Bidh High Life Highland a' ruith leabharlannan, tasglannan agus a' toirt seachad seirbheisean ionnsachaidh inbheach.

Dh'aontaich stiùirichean na companaidh Inveness Leisure gu h-aona-ghuthach airson a' chompanaidh a chur còmhla ris a' chompanaidh High Life Highland an ath-bhliadhna.

Bidh an dà chompanaidh a' ruith diofar sheirbheisean foghlaim agus cur-seachad às leth Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha Inverness Leisure a' ruith an ionaid snàimh is spòrs as motha air Ghàidhealtachd.

Thuirt Cathraiche na companaidh, Ella NicRath, gun robh am bòrd air dearbhadh fhaighinn nach fheumadh iad daoine a chur a-mach às an cuid cosnaidh ri linn an amalaidh.

Shàbhaileadh an t-amaladh airgead do Chomhairle na Gàidhealtachd, a tha a' maoineachadh an dà bhuidhinn.