Feum air talamh ionaltraidh a chlàradh

Tha Coimisean na Croitearachd airson 's gun tèid barrachd talamh ionaltraidh a chlàradh leotha le comataidh os a chionn. Chan eil ach an dàrna leth den talamh ionaltraidh a th' ann air a chlàradh aca an-dràsta le comataidh, is iad a-nise air stiùireadh a sgaoileadh air mar a bu chòir bailtean a riaghladh.

"Am baile fhèin, mura bheil e air a riaghladh, mura bheil e stèidhichte, chan fhaigh iad a-steach airson ghrantaichean bhon Riaghaltas," thuirt Murchadh MacIllinnein, bhon Choimisean.

"'S e call dhaibh fhèin a tha sin.

"Agus an taobh eile a th' ann, tha mi a' faicinn nan tuathanach air taobh a-muigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, bidh iadsan a' cantainn "tha fhios againn gu bheil airgead gann, 's gu bheil an Riaghaltas a' cur airgid a-null dhan taobh eile 's nach eil iad a' dèanamh gu leòr leis".

"Nuair a tha sinne a' bruidhinn ris an Riaghaltas bhiodh e tòrr na b' fheàrr leinne nam biodh 1,000 comataidh baile ann, chan e dìreach an 500 no mar sin a th' ann an-dràsta," thuirt e.