Lus-itheadairean uabhasach Thròndarnais
- Air fhoillseachadh

Tha an t-Eilean Sgitheanach air cliù a chosnadh mar àite far am faicear fosailean dìneasair, agus chaidh lorgan-coise a thoirt am follais às ùr bho chionn ghoirid aig Dùn Tuilm, ann an ceann a tuath an eilein.
'S e lorgan lus-itheadairean - air a bheil Sauropods - a th' annta agus seo a' chiad turas a chaidh an leithid a lorg ann an Alba.
Tha dòchas gum bidh cothrom ann a-nis sealladh às ùr fhaighinn air beatha nan dìneasaran.
'S iad a' bhuidheann PAL ALBA, a bhios ri sgrùdadh fhosailean, a thug na làraichean am follais.
Cumadh nan ladhran
"An rud a tha uabhasach cudromach mun fheadhainn seo, 's e gur e lus-itheadairean a dh'fhàg iad," thuirt Dùghal Ros, a tha na bhall de PAL ALBA.
"Seachad air bliadhnaichean, bha sinn air an t-uabhas eile de lorgan fhaighinn, ach 's e feòil-itheadairean a bha a' fàgail an fheadhainn sin.
"Seo iad a' chiad lorgan de lus-itheadairean a th' air fhaighinn an Alba.
"Tha e gu math cudromach, agus tha seachad air fichead ann.
"'S e beathaichean gu math mòr a bh' annta, agus tha fhios againn gur e lus-itheadairean a dh'fhàg iad leis a' chumadh a th' air an ladhar.
"'S e cumadh cruinn a th' orra. Le feòil-itheadairean chì thu òrdagan gu math follaiseach.
"Ach leis an fheadhainn seo tha iad eadar-dhealaichte, air sgàth gur ann cruinn a tha iad.
"Tha fhios againn gur e dìneasairean a dh'fhàg iad air sàilleabh tha sreath ann dhiubh.
"Uaireannan bidh clachan a' fàgail làraichean anns a' chladach nuair a tha iad a' dol timcheall leis a' mhuir.
"Ach leis an fheadhainn seo tha iad ann an sreath, agus tha e gu math follaiseach gur e sreath de lorgan-coise a th' annta.
"Chaidh na lorgan a chruthachadh ùine mhòr mhòr air ais. Tha iad a' dol air ais suas ri 200,000,000 bliadhna, chun na Linne Jurasic.
Turasachd
"Bha feadhainn den bhuidhinn a tha mi an sàs ann, PAL ALBA (Paelo Scotland), bha ceathrar no còignear againn a' coiseachd air an tràigh.
"Cha robh sinn a' coimhead airson lorgan. Bha sinn a' coimhead airson 's dòcha sgealban de chnàmhan mar a gheibheadh sinn ann an àiteachan eile air feadh an eilein.
"Ghabh sinn iongnadh mòr nuair a chunnaic sinn iad. Tha mi a' smaoineachadh gun robh na lorgan sin follaiseach o chionn grunn bhliadhnaichean.
"Ach bha iad gu math doirbh a dhèanamh a-mach.
"Ach aon uair 's gun do dh'aithnich sinn dè bh' annta, bha sinn a' faicinn barrachd is barrachd," thuirt e.
Tha Mgr Ros an dùil gur e deagh rud a bhios ann don Eilean Sgitheanach, 's gun tàl na lorgan-coise daoine aig a bheil ùidh ann an dìneasairean chun an àite.
"Tha mi a' smaoineachadh, anns an là a th' ann an-diugh, tha ùidh mhòr aig a' mhòr-shluagh anns an rud a tha seo, agus uair sam bith a tha naidheachd a' briseadh gu bheil fosailean dìneasairean air fhaighinn anns an eilean, tha an t-uabhas a' tighinn nan rathad airson am faicinn.
"Tha e math airson na sgìre," thuirt e.