Cathraiche ùr do NHS na Gàidhealtachd

Dàibhidh Alston Image copyright Comhairle na Gàidhealtachd

Chaidh an comhairliche Libearalach Deamocratach Dàibhidh Alston ainmeachadh mar Chathraiche ùr NHS na Gàidhealtachd.

Gabhaidh e àite Garry Coutts, a dh'fhàgas a dhreuchd sa Mhàrt an ath-bhliadhna.

Tha Mgr Coutts air a bhith san dreuchd fad trì teirmichean - a mhaireas ceithir bliadhna an urra - sreath a chèile. Sin an ùine as fhaide a tha ceadaichte.

'S e an Cathraiche as fhaide na dhreuchd a th ari a bhith air bòrd-slàinte sam bith ann an Alba. Thòisich e air Bòrd NHS na Gàidhealtachd ann an 2002, agus chaidh e na Chathraiche ann an 2004.

Chuir Riaghaltas na h-Alba sanas-obrach a-mach airson na dreuchd san t-Sultain.

'S e NHS na Gàidhealtachd an sgìre NHS as motha san dùthaich.