A82 dùinte a' dol gu tuath

Tha spruilleach a thuit far na bruaiche os a chionn air an A82 a dhùnadh a' dol gu tuath, deas air Inbhir Nis.

Tha solais-thrafaig an sàs aig an làraich, eadar Druim na Drochaid agus Inbhir Moireasdain, mu leth-mhìle tuath air Allt Sìthe.

Chaidh an aon earrann den rathad a dhùnadh grunn làithean sa Mhàirt an dèidh do dhà chloich mhòir tuiteam air.

Thathas a' tuigsinn gur e seann chraobh dharraich a thuit air creag a dh'adhbharaich a' mhaoim sin, a dh'fhàg gun do mhol na h-ùghdarrasan do dhràibhearan seach-shlighe 120 mìle de dh'fhaid a ghabhail.