Lìog L&H às aonais na Hearadh a-rithist
- Air fhoillseachadh
Thàinig dearbhadh an t-seachdain seo aig coinneamh bhliadhnail Lìog Leòdhais agus na Hearadh nach bi sgioba ball-coise Na Hearadh a tilleadh dhan lìog an ath-bhliadhna.
'S e seo an dàrna bliadhna às dèidh a chèile nach bi sgioba aig na Hearaich anns an lìog.
Thàinig e dhan fhollais air a' mhìos a chaidh gun robh Na Hearadh a' beachdachadh air oidhirp a dhèanamh airson sgioba a chur ri chèile a-rithist.
Cupa Eilein an Fhraoich
Aig an àm sin thuirt cathraiche Chomann Ball-Coise Leòdhais 's na Hearadh, Coinneach MacÌomhair, gun dèan iad an dìcheall sgioba na Hearadh a chuideachadh gus tilleadh dhan lìog.
Cha bhi Na Hearadh mar phàirt den lìog an ath-bhliadhna ge-tà.
Dh'fhaodadh gum bi iad fhathast a' farpais ann an Cupa Eilein an Fhraoich ann an 2016 mar a bha am-bliadhna.
Thog na Hearaich an cupa sin mu dheireadh ann an 2011.
Sgioba Leòdhais is na Hearadh
Cuideachd aig a' choinneimh chaidh seann mhanaidsear Chàrlabhaigh, Caomhainn MacAnndrais, ainmeachadh mar mhanaidsear ùr cluba ball-coise Leòdhais is na Hearadh.
Tha e a' gabhail àite Choinnich Mhic a' Ghobhainn agus bidh e aig an stiùir son a' gheam an aghaidh Inbhir Ghòrdain ann an Cupa Sheoc MhicAoidh air an 12mh den Dùbhlachd.
A bharrachd air sin, chaidh taghadh a dhèanamh son na ciad cuairtean de na copain an ath-bhliadhna.
'S e droch oidhche a bh'ann do Nis is iad gan taghadh an aghaidh na sgioba a ghléidh an tiotal an 2015, na Lochan, anns gach cupa.
Cupa ABC
Na Lochan v Nis
Am Bac v An Taobh Siar
United v Càrlabhagh
Aths v An Rubha
Cupa Jock Stein
Càrlabhagh v Am Bac
Aths v An Taobh Siar
An Rubha v United
Na Lochan v Nis
Cupa Mholdova
Aths v Am Bac
An Rubha v United
Càrlabhagh v An Taobh Siar
Nis v Na Lochan