Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ionnsaigheanadhair

Tòisichidh deasbad ann an Taigh nan Cumantan an ceann leth-uair a thìde air am bu chòir do Bhreatainn ionnsaighean adhair a thoirt air IS ann an Siria. Bhòtaidh iad air a' cheist a-nochd fhathast. Tha dùil gum faigh Dàibhidh Camshron taic airson ionnsaighean bhon mhòr-chuid de na buill-phàrlamaid aige fhèin agus bho na ficheadean de bhuill Làbarach 's bho na Lib Deamaich. Ach tha an SNP a' dol a bhòtadh an aghaidh nan ionnsaighean.

Tha buaireadh air èirigh ron deasbad an dèidh briathran a labhair am Prìomhaire aig coinneamh de bhuill-pàrlamaid Tòraidheach a-raoir. Dh'iarr e air na buill gun taic a chuir ri ceannard nan Làbarach Jeremy Corbyn agus feadhainn eile aig an robh "co-fhaireachdainn ri ceannaircich". Thuirt fear-labhairt Mhgr Corbyn gur e "casaid mhaslach" a bh'ann.

Luton

Chuireadh ceathrar fhireannach an grèim ann an Luton, fo amharas eucoir cheannairc. Thuirt Scotland Yard gun deach seachd àitichean ann an Luton a rannsachadh agus corra charbaid. Tha na fireannaich eadar 30 agus 40 bliadhna a dh'aois. Tha e coltach gur ann mar phairt de rannsachadh leantainneach a bha seo, seach a bhith co-cheangailte ri na h-ionnsaighean cheannairc ann am Paris o chionn ghoirid.

Drochaid

Tha luchd-einnsiniridh a' sgrùdadh laigse a nochd ann an stàilinn Drochaid Rathaid Fhoirthe. Tha aon taobh dhith air a bhith dùinte bho raoir 's tha maill an-diugh a-rithist air carbaidean.

A82

Tha na poilis a' dèiligeadh ri maoim-slèibhe air an A82 eadar Druim na Drochaid agus Inbhir Mhoireasdain. Tha an rathad gu tuath dùinte leth a mhìle tuath air Allt Saoidh. Tha na poilis ag ràdh gum bi dàil air draibhearan. Tha Bear Scotland agus Coimisean na Coilltearachd cuideachd a' dèiligeadh leis a' chùis air an làraich.

Flybe

Tha impidh phoileataigeach ga chuir air Flybe a dhol an sàs anns na trioblaidean a th' air a bhith ann le seirbheisean adhair dha na h-eileanan. 'S e Loganair a tha a' ruith nan seirbheisean, ach fo shuaicheantas Flybe. Tha comhairlichean air a' ràdh ri gach companaidh gum feum iad uallach a ghabhail eattorra airson dàil air seirbheisean agus trioblaidean teicnigeach.

Seirbheis rèile

Chan eil seirbheisean rèile a' ruith eadar Inbhir Nis is Peairt an-diugh air sgàth tuiltean ann an Ceann a' Ghiùthasaich. Tha Scotrail a' ruith bhusaichean an àite nan trèanaichean, 's an uairsin an trèana mar as àbhaist deas air Peairt.

Talamh ionaltraidh

Tha Coimisean na Croitearachd airson 's gun tèid barrachd talamh ionaltraidh a chlàradh le comataidh baile os a chionn. Sgaoil an Coimisean stiùireadh air mar as coir a dhèanamh, 's iad ag ràdh nach eil ach dàrna leth talamh ionaltraidh croitearachd clàraichte ceart an-dràsta.