BBC Naidheachdan

Dragh mu bhàta-slaodaidh na h-Alba

Published
image copyrightMary Harris
image captionAn MV Herakles a' dèanamh cobhair air bàta sa Chaol Arcach ann an 2014.

Tha dragh air nochdadh mun aon bhàta-slaodaidh a tha air fhàgail aig na maoir-chladaich sa cheann a tuath.

Tha uallach air na comhairlean eileanach gun tèid cur às dhi ri linn aithisg an t-Seannsalair an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gu bheil an argamaid 'son dà bhàta-slaodaidh aig tuath nas làidire na bha e riamh, ri linn barrachd shoithichean le bathair cunnartach a bhith a' seòladh tron Chuan Sgìth.

Dh'innis Seòras Osborne an t-seachdain seo chaidh gun robh buidseat Roinn na Còmhdhail ga ghearradh 37% ro 2020.

Le cùmhnant a' bhàta-slaodaidh ann an Arcaibh a' tighinn gu ceann sa Mhàirt an ath-bhliadhna tha ceist mhòr ann an tèid ùrachadh.

Gearraidhean

Cho-dhùin Riaghaltas Westminster ann an 2010 an cùmhnant airson ceithir bàtaichean-slaodaidh san dùthaich - dhà dhiubh ann an Alba - a leigeil seachad - ag ràdh gun sàbhaileadh sin £32.5m.

Ach, an dèidh iomairt le comhairlean nan Eilean Siar, Arcaibh, Shealtainn agus na Gàidhealtachd agus luchd-poileataics, dh'aontaich an Riaghaltas aon bhàta-slaodaidh a thilleadh a dh'Alba.

Tha an MV Herakles, a bha roimhe aithnichte mar an MV Anglian Prince, stèidhichte ann an Arcaibh.

Dà bhàta-slaodaidh

Thuirt Tormod Dòmhnallach gu bheil fios gum bi cùmhnant a' bhàta-slaodaidh fon phrosbaig leis gu bheil aig Roinn na Còmhdhail ri sàbhalaidhean mòra a dhèanamh.

Agus chan eil iad ag iomairt airson bàta-slaodaidh Arcaibh a-mhàin a chumail, ach bàta eile fhaighinn ann an Alba airson gum bi tè air an taobh siar agus aig tuath.

Tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh gu bheil barrachd chunnairt ann a-nis leis gu bheil bàtaichean a tha a' giùlain stuth niucalasaich bho Ionad Dhùnrath a' siubhail air a' Chuan Sgìth.

"S e adhbhar dragh a tha sin a thaobh truailleadh na h-àrainneachd, ma 's e agus gum bi tubaist ann.

"Tha fios a'am gu bheil iad a' dèanamh gealltanais a thaobh sin ach tha an NDA a tha a' dèanamh na h-obrach a tha sin, tha iad air taic a chur rinne san iomairt leis an Riaghaltas airson bàta-slaodaidh a bhith ann, gum biodh e na bu shàbhailte nam biodh bàta-slaodaidh ann," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil iad airson ìmpidh a chur air Riaghaltas Westminster ionmhas a chur mu choineimh bhàta-slaodaidh, gach cuid sa Chuan Sgìth agus cuideachd aig tuath, eadar Sealtainn agus Arcaibh.

Chan eil an Riaghaltas air innse fhathast dè na planaichean a th' aca airson a' bhàta-slaodaidh an dèidh dhan chùmhnant a thighinn gu ceann.