NHS na Gàidhealtachd a' freagairt càinidh

Ospadal an Rathaig Mhòir

Chuir NHS na Gàidhealtachd an aghaidh càinidh bho bhall pàrlamaid Albannach a rinn a-mach gur dòcha gu robh am bòrd slàinte a' cur sàbhailteachd euslainteach ann an cunnart le a bhith a' cleachdadh nas lugha de dhotairean locum.

Thuirt an Làbarach Ridseard Simpson, a bha na dhotair-teaghlaich, gu robh dragh air gu robh an t-suim airgid a bha am bòrd slàinte a' cosg air a bhith a' fastadh dhotairean locum ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis air crìonadh 31%.

Mar fhreagairt air a sin thuirt am bòrd slàinte gu robh iad air luchd-obrach làn-ùine fhastadh seach feadhainn air cùmhnantan goirid.

Chàin Mgr Simpson am bòrd slàinte aig coinneamh de chomataidh nan cunntasan poblach aig Pàrlamaid na h-Alba.

Rinn e comas eadar NHS na Gàidhealtachd agus Urras NHS Mid-Staffordshire ann an Sasainn far an deach faighinn gu robh na ceudan euslainteach air fulang gun adhbhar leis gu robh cus aire air ionmhas seach sàbhailteachd euslainteach.

Fastadh dhotairean

As dèidh na coinneamh sin thuirt àrd-oifigear NHS na Gàidhealtachd, Elaine Mead gu robh am bòrd slàinte air na bha iad a' cosg air dotairean locum a lùghdachadh le a bhith a' fastadh àrd-dhotairean air cùmhnantan maireannach.

Chaidh 15 fhastadh ann an diofar roinnean thar na bliadhna mu dheireadh.

"Thathas a' cleachdadh dotairean locum, gu sònraichte ann an dreuchdan meidigeach, nuair a tha beàrnan ri lionadh ann an seirbheisean riatanach, neo nuair a tha daoine air falbh greis, mar eisimpleir air fòrladh mathaireil, thuirt Ms Mead.