Rabhadh mu ghèiltean agus uisge trom
- Air fhoillseachadh
Chaidh rabhadh bho Oifis na Sìde mu ghèiltean agus uisge trom a sgaoileadh gu Alba air fad agus a leudachadh gu madainn Disathairne.
Tha an rabhadh buidhe, a tha ag iarraidh air daoine "a bhith air am faiceall", cuideachd a' toirt a-seach sgìrean mòra den chòrr den Rìoghachd Aonaichte.
Dh'fhaodadh gum bi uspagan gaoithe suas ri 80m.s.u. sna h-Eileanan an Iar agus ann an iar-thuath na Gàidhealtachd.
Tha an rabhadh ann bho mheadhan là Dihaoine gu 07:00m Disathairne.