Dragh mu Oighreachd a' Chrùin

Oirthir

Thuirt Ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, gu bheil dragh air nach tèid smachd air Oighreachd a' Chrùin a thoirt dhan choimhearsnachd.

Tha dùil gun gluais smachd gu Riaghaltas na h-Alba fo mholaidhean Choimisein Mhic a' Ghobhainn.

Tha na tha an làmhan Oighreachd a' Chrùin an-dràsta air a riaghladh leis a' chuango, Coimisean Oighreachd a' Chrùin.

Tha a' bhuidheann roimhe air càinneadh fhaighinn nach eil iad air sùim ceart a thoirt do dh'fheumalachdan choimhearsnachdan ionadail.

Mhol aithisg Choimisein Mhic a' Ghobhainn gum bu chòir smachd a ghluasad gu Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt Mgr Caimbeul gum feum cumhachd a chur an làmhan nan ùghdarasan eileanach, seach an siostam a leantainn gun atharrachadh, ged a bhiodh smachd aig Alba seach Lunnainn air a' chùis.