Margaidh Bhictorianach dhan Roinn Phrìobhaidich?

  • Air fhoillseachadh
A' Mhargaidh BhictorianachTùs an deilbh, Colin Smith/Geograph

Beachdaichidh comhairlichean ann an Inbhir Nis madainn Diardaoin air moladh stiùireadh na Margaidh Bhictorianaich sa bhaile a chur a-mach gu tairgse.

Tha e an-dràsta ga ruith leis a' Chomhairle às leth Maoin Maitheas-Choitchinn Inbhir Nis, ach tha aithisg a' moladh companaidh phrìobhaideach a thoirt a-steach an àite an ùghdarrais ionadail.

Tha aithisg a rinneadh do Chomataidh Baile Inbhir Nis ag ràdh gum faodadh cruth ùr a thighinn air a' mhargaidh a thuilleadh air leasachaidhean eile.

Ach nochd feadhainn a tha a' ruith nam bùithdean sa mhargaidh dragh gum biodh cosgaisean a bharrachd aca ri phàigheadh.

Tha buidheann strì air a bheil Inverness Concern ag iarraidh air a' Chomataidh dàil a chur air co-dhùnadh sam bith air a' chùis gus an tèid tuilleadh chòmhraidhean a chumail le feadhainn a tha an sàs sa mhargaidh.