Ceist sna Cumantan mu ghearradh craolaidh

Airgead

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a bhith a' dìon an co-dhùnaidh am £1m sa bhliadhna a tha iad a' toirt do chraoladh Gàidhlig a ghearradh.

Dh'fhoillsich an Seansalair, Seòras Osborne, an gearradh ann an Òraid an Fhoghair, a thug e seachad air a' mhìos a chaidh.

Chuir Ball-Pàrlamaid nàiseantach Dhùn Bhreatann an Ear ceist an Taigh nan Cumantan carson a bha iad a' gearradh taic do chànan a bha a' cur feum air.

Thuirt Ministear a' Chultair 's nam Meadhanan, Ed Vaizey, gur e taic shònraichte a chaidh a thoirt seachad airson dà bhliadhna a-mhàin a bh' anns an airgead 's nach b' e tabhartas leantainneach.

Tha faisg air 2,000 duine air an ainm a chur ri athchuinge an aghaidh a' ghearraidh.