Ionad Gob a' Ghallain ceum nas fhaisge

Ionad RAF Àird Ùige

Tha Urras Gob a' Ghallain air airgead gu leòr a thogail a-niste 'son seann ionad an RAF anns an sgìre a cheannach.

Tha a' bhuidheann choimhearsnachd airson ionad rannsachaidh speuran agus mara a chruthachadh air an làraich.

Na bu thràithe am-bliadhna dhiùlt an MOD pàigheadh airson togalaichean na làraich a leagail agus faighinn cuidhteas rudan cunnartach leithid asbestos.

Dh'ainmich an t-urras, ge-ta, gu bheil iad air £250,000 fhaighinn, a' ciallachadh gun urrainn dhaibh am fearann a' ghabhail os làimh.

Fhuair an t-urras taic bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Stòras Fearainn na h-Alba, an Crannchur Nàiseanta agus Comhairle nan Eilean Siar.

Misneachail

Bidh aca fhathast ri £500,000 a thogail airson na togalaichean a leasachadh agus a ghlanadh gu ceart.

Thuirt an t-urras gu bheil iad misneachail gum faigh iad a' chuid 's motha den t-suim sin bho Riaghaltas na h-Alba, 's gheibh iad fios mu dheidhinn sin tràth 's a bhliadhna ùir.

Tha airgead gu leòr aca an-dràsta airson an làrach a dhèanamh sàbhailte.

Thuirt Cathraiche Urras Gob a' Ghallain, Màrtainn Hayes, gun robh iad faisg air dà bhliadhna ag obair air an seo.

"Thug sinn 21 mìos faighinn chun na h-ìre seo, agus 's e sinne an 21mh buidheann choimhearsnachd a th' air crìoch a chur air a' phròiseas a tha seo.

"Chum sinn 96 coinneamh, chruthaich sinn pìle mòr de dh'obair-rianachd agus chaidh na mìltean de phuist-dealain a chur.

"'S e oidhirp mhòr a th' ann an sin do choimhearsnachd bhig, agus bu chòir a h-uile duine a bhith moiteil," thuirt Mgr Hayes.

Teaghlaichean ùra

Tha nas lugha na 50 duine a' fuireach anns an Àird 's tha mòran aca a' fuireach ann an seann àiteachan-còmhnaidh an RAF.

Tha an t-urras an dòchas gum biodh an t-ionad ùr na chuideachadh gus teaghlaichean a thàladh dhan sgìre.

Thuirt ionmhasair an Urrais, Fiona L'Estrange, nach eil mòran dhaoine air gluasad a-steach dhan sgìre bho ghluais i fhèin ann bho chionn dusan bliadhna.

"Tha feum againn air teaghlaichean ùra.

"Tha mo chlann fhèin faisg air an aois airson an dachaigh fhàgail agus tha mi a' smaoineachadh gun gluais iad air falbh."

"An till iad? Chì sinn, ach feumaidh rudeigin a bhith ann do dhaoine airson 's gun till iad."

Tha an t-Urras an dòchas gum bi an talamh fo shealbh na coimhearsnachd ro dheireadh na bliadhna.