Cogadh agus sìth

Bha an deasbad fada, ach cha do dh'fhan an riaghaltas fada idir gus toil na Pàrlamaid a chur an gnìomh.

Beagan a bharrachd na uair a thìde às dèidh mar a bhòt Taigh nan Cumantan 397 gu 223 airson ionnsaighean-adhair a thoirt air a' bhuidhinn IS ann an Siria, dh'fhalbh dà itealan Tornada à RAF Akrotiri ann an Cìopras.

Chaidh an leantainn beagan nas lugha na uair a thìde às dèidh sin le dà itealan eile.

Bha bomaichean 500lb aig gach fear dhiubh - thill iad uile, beagan ro thrì anns a' mhadainn, as an aonais.

Dhearbh an MOD gun tug iad na ciad ionnsaighean-adhair air IS ann an Siria, a' leagail bhomaichean air raointean-ola Omar ann an taobh sear Shiria, faisg air a' chrìch le Ioràc.

Thuirt Rùnaire an Dìona, Michael Fallon, gun do dhearbh e na targaidean air thoiseach air bhòt nan Cumantan, agus gun robh na h-ionnsaighean fhèin "soirbheacheil".

Blas

A' bruidhinn aig toiseach Cheistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh, ghabh Nicola Sturgeon an cothrom a beachd-se a thoirt seachad.

A dh'aindeoin a beannachd do luchd Feachd an Adhair a bha an sàs anns an oidhirp thairis air Siria, thuirt am prìomh mhinistear gun robh dragh mòr oirre mun cho-dhunadh a dhol a chogadh gun ro-innleachd, gun phlana gus faighinn a-mach às agus an aghaidh toil na mòr-chuid de bhuill-phàrlamaid Albannach aig Westminster.

Ged a bha blas nas rèidhe air na faclan aicese madainn às dèidh nan ionnsaighean, rinn i an aon argamaidean a rinneadh ron a' bhòt le ceannard an SNP anns na Cumantan.

Thuirt Aonghas Robasdan gun robh 57 a-mach à 59 de bhuill-phàrlamaid Albannach aig Westminster, agus - a rèir cunntas-bheachd - 72% de shluagh na h-Alba an aghaidh ionnnsaighean-adhair.

Ann an "dùthaich àbhaistich", thuirt e, cha deigheadh na feachdan armaichte a chur an sàs.

Is e a bu chiall dha ach dùthaich neo-eisimeileach.

Argamaid

Aig amannan mar seo, nuair a tha cogadh agus sìth gan deasbad, canaidh cuid gum chòir cùisean poileataigeach a chur don dàrna taobh.

Ge math no dona e, cha chuirear.

Tha sin air sgàth 's gu bheil prionnsabalan a' seasamh air cùl bheachdan agus pholasaidhean poileataigeach.

Do nàiseantaich, tha na h-ionnsaighean-adhair seo nan argamaid bhunaitich, mhoralta airson neo-eisimeileachd, gum bu chòir an cho-dhunadh air cogadh is sìth a dhèanamh ann an Alba fhèin.

Tha prionnsabalan air cùl nan sgaraidhean anns a' phàrtaidh Làbarach air Siria cuideachd.

A-raoir bha iad gu math follaiseach.

Smachd

Ged a chaidh a thaghadh mar cheannard le mòr-chuid mhòir de bhallrachd nan Làbarach gun ach beagan mhìosan air ais, dhearbhadh an t-seachdain seo nach b' urrainn do Jeremy Corbyn smachd a chumail air a' phàrtaidh aige anns na Cumantan.

Bhòt 66 buill Làbarach airson ionnsaighean-adhair, cuid dhiubh bho phrìomh sgiopa Mhgr Corbyn fhèin.

Bhruidhinn Mgr Corbyn mu fhògarraich, mu bhàs shìobhaltach, mun fheum sìth a dhèanamh tro ghnothaichean sìtheil.

Ach bha prionnsabalan air an taobh eile cuideachd agus Rùnaire Dùbhlain nan Cùisean Cèin, Hilary Benn a' bruidhinn mu eachdraidh shòisealach Breatannach anns an t-sabaid an aghaidh Franco, Hilter agus Mussolini.

Thug an co-dhunadh seo buaidh air an deasbad phoileataigeach mar-thà.

Bidh greis mus faic sinn a' bhuaidh air IS agus Siria, cogadh agus sìth.