Rabhadh g'eil Aranais ann an cunnart
- Air fhoillseachadh

Bidh Gàradh Aranais ann an cunnart mur am faigh a' chompanaidh cumhnant luachmhor son tuath gaoithe mara ann an Linne Mhoireibh.
Thàinig an rabhadh sin mu ghàraidhean BiFab ann an Leòdhas agus cuideachd ann am Fiobha bho bhuidheann thar phàrtaidh de bhuill pàrlamaid ann an Holyrood agus riochdairean aonaidh.
Sgrìobh iad gu ruige na companaidh SSE a thaobh leasachadh a th'aca san amharc.
'S iad SSE a' bhuidheann as motha ann an co-bhanntachd a tha air cùl pròiseact Beatrice, tuath gaoithe a tha san amharc ann an Linne Mhoireibh.
Chosgadh a' phròiseact seo mu £2bn.
Chaidh an seòrsa uidheamachd a bhios a dhìth 'son na pròiseict seo a thogail roimhe ann an Gàradh Aranais agus bha dòchas ann bho thùs gun tigeadh pìos den obair gu ruige Leòdhais.
Tha Bifab air tòrr den luchd-obrach aca ann an Aranais agus aig an dà làrach aca ann am Fiobha a chur bhuapa.
A-nise tha buidheann thar phàrtaidh de bhuill pàrlamaid ann an Holyrood agus riochdairean aonaidh bhon GMB agus Unite ag ràdh gun toireadh e fìor dhroch bhuaidh air gàraidhean Bifab mura faigheadh iad cùmhnant bho SSE.
Anns an litir a sgrìobh iad gu SSE dh'iarr iad orra a bhith mothachail air an dleasdanas a th'orra a thaobh eaconomaidh agus coimhearsnachdan na h-Alba nuair a tha iad a' toirt seachad a' chùmhnant seo.