Inbhe UNESCO dha làrach Blàr Chùil Lodair?
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid inbhe dhualachais UNESCO a shireadh airson àrainn Blàr Chuil Lodair.
Tha an naidheachd a' tighinn an dèidh do chomhairlichean aontachadh an sgìre ghlèidhte timcheall an raoin a leudachadh.
Tha Comunn Gàidhlig Inbhir Nis toilichte agus dàimh sònraichte aca ris an làraich far am bi iad a' cumail seirbheis chuimhneachaidh gach bliadhna.
Seo a' chiad turas a rinnear ath-sgrùdadh air an sgìre ghlèidhte bho chaidh a stèidheachadh ann an 1968.
Dh'aontaich comhairlichean Inbhir Nis gu h-aona ghuthach an sgìre a leudachadh mu a chòig uidhir agus tha i a-nis a' gabhail a-steach Cùirn Chlabhalaig.
Thuirt an comhairliche Coinneach Gowans gun deidheadh na làraich eachdraidheil agus na daoine a tha a' fuireach faisg orra a dhìon.
"Tha e cuideachd a' toirt dhuinn an cothrom an co-dhunadh seo a chleachdadh airson, 's dòcha, tòiseachadh a' coimhead ri a bhith a' cur a-steach airson inbhe dhualchais UNESCO.
"Tha sin air a bhith na mhiann airson greis," thuirt Mgr Gowans.
Cliù
Tha riaghailtean glèidhteachais na sgìre air a bhith fon phròsbaig airson greis gu h-àraid an dèidh do phlana connpsaideach 16 taighean faisg air an raon a bhith air a ghairm a-steach le Riaghaltas na h-Alba an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd cead a dhiultadh.
Thug an riaghaltas cead dhan phlana air tuathanas Viewfarm.
Tha coltas gu bheil an cead sin fhathast a' seasamh ged a tha an làrach a-nis am broinn nan crìochan ùra leudaichte.
Cha deach càil a dhèanamh le na planaichean thuige seo.
Chuir Murchadh Caimbeul, bho Chomann Gàidhlig Inbhir Nis, fàilte air mar a chaidh crìochan na sgìre glèidhte a leudachadh agus air a' bheachd gur dòcha gum bu chòir inbhe UNESCO a bhith air a shireadh airson na làraich.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e rud uabhasach fhèin sònraichte a bhiodh ann an sin.
"Se làrach chudthromach a tha seo mar a tha e agus tha mi a' smaoineachadh gum biodh e airidh air cho math sa tha làrach sa bith eile air feadh an t-saoghail.
"Bheireadh e cliù mòr dhan àite.
"Tha cliù aige mur tha mar tha air feadh an t-saoghail, ach bheireadh e barrachd cliù dha air feadh an t-saoghail air fad," thuirt Mgr Caimbeul.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 Am Màrt 2015
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach 2014