Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Dùbhlachd 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drochaid Rathaid Fhoirthe

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil e ro thràth a ràdh cuin a dh'fhosgaileas Drochaid Rathaid Fhoirthe a-rithist, 's iad air a dhùnadh an dèidh laigsean fhaighinn anns an stàilinn. Ach thuirt Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, nach b'ann a-mhàin an-diugh a bhiodh i dùinte. Tha innleadairean ag obair orra.

Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn

Dh'iarr comataidh phàrlamaid air Riaghaltas na h-Alba Bile Ath-leasachaidh an Fhearainn a neartachadh. Dh'fhoillsich Comataidh Chùisean Dùthchail Holyrood an aithisg air a' bhile madainn an-diugh. Tha iad ag iarraidh gun deidheadh an reachdas atharrachadh airson siostam a thoirt a-steach a dhèanadh nas soilleire co leis a tha fearann agus cò tha a' faighinn a' bhuannachd às. Tha eagal orra cuideachd gu bheil na deuchainnean a dheidheadh air coimhearsnachdan mus fhaigheadh iad fearann ro chas ann an cuid de shuidheachaidhean. Ach tha iad a' togail cheistean a bheil fianais gu leòr ann gun dèanadh e feum reitichean gnìomhachais a thoirt air ais airson oighreachdan spòrs, mar a tha an riaghaltas ag iarraidh.

Am Parbh

Thèid iomairt a chuir air chois airson airgead a thurasadh bhon mhòr-shluagh gus còrr air ceud acair fearainn aig a' Pharbh ann an Dùthaich MhicAoidh a cheannach dhan choimhearsnachd. 'S ann le Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath a tha am fearann an-dràsta. Bha Ministrealachd an Dìon a' coimhead ri cheannach airson ionadan mortar ùra agus àiteachan-fuirich do mhuinntir an RAF a thogail. Ach chuir a' choimhearsnachd an aghaidh sin, 's fhuair iad cead bho Riaghaltas na h-Alba tagradh airson an fhearainn.

Còd giulain

Tha Leas-cheannard a' Phàrtaidh Làbaraich, Tom Watson, a' moladh gun toireadh am pàrtaidh còd a-steach a riaghaladh mar a tha buill gan giùlain fhèin air meadhanan sòisealta. Bha e a' bruidhinn an dèidh do chuid de bhuill pàrlamaid a bhòt airson ionnsaighean adhair ann an Siria càineadh mì-chneasta fhaighinn. Chaidh dealbhan de dhaoine gun cheann a chuir gu cuid aca.

A' Ghearmailt

Thug Pàrlamaid na Gearmailt cead dhan Riaghaltas aca-san uidheamachd is saighdearan a chuir an-sàs anns an iomairt an aghaidh na buidhne IS ann an Siria. Cuiridh a' Ghearmailt a-nis uidheamachd agus còrr air mìle saighdear a-null dhan Ear-mheadhanaich, ach cha tèid iad an-sàs san t-sabaid.

Cùil Lodair

Tha Comann Gàidhlig Inbhir Nis air an dòigh gun leudaich Comhairle na Gàidhealtachd an sgìre ghlèidhte mun cuairt air àrainn Blàr Chuil Lodair. Tha e a' ciallachadh gum biodh e tòrr nas doirbhe a-nis càil a thogail a mhilleadh sealladh na làraich. Bidh Comann Gàidhlig Inbhir Nis a' cumail seirbheis chuimhneachaidh ann gach bliadhna. Tha iad cuideachd a' cur taic ri beachd bho aona chomhairliche gum faodaist inbhe dualachais UNESCO a shireadh dhan raon.

Comunn Sgitheanach Ghlaschu

Tha Comann Sgitheanach Ghlaschu a' comharrachadh gu bheil ceud gu leth bliadhna a dh'aois bho chaidh a stèidheachadh. Bidh cuirm mhòr aca a-nochd le seachd deug de sheinneadairean Sgitheanaich a bhuannaich buinn òir aig a' Mhòd Nàiseanta.